Eun-creachaidh a' cur an eagail air faoileagan Inbhir Nis

Seabhag-mhòrTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dòchas ann gun toir an t-seabhag-mhòr air faoileagan teicheadh à meadhan Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh

Cumaidh eun-creuchaidh faire os cionn sràidean Inbhir Nis thairis air na seachdainean a tha romhainn gus an t-eagal a chur air faoileagan.

Bidh an t-seabhag-mhòr, air a bheil Angel, a' sgèith os cionn mheadhan Inbhir Nis trì tursan san t-seachdain chun a' Ghiblein agus bidh i a-muigh sia trupan san t-seachdain a' tighinn suas chun an àm as trainge den t-seusan neadachaidh.

'S e an t-amas gun tuig na faoileagan gu bheil sealgair anns an sgìre.

'S e a' bhuidheann ghnothachasan BID Inbhir Nis a th' air cùl seo is faireachdainn ann gu bheil na faoileagan a' cur gràin air daoine.

'S ann le Ailean MacFhionghain bho Sheirbheis Smachdachaidh Eun na Gàidhealtachd a tha Angel, a tha ceithir bliadhna de dh'aois.

Thòisich i an obair aice Disathairne a chaidh agus tha i air 14 mìle a sgèith mar-thà.

Nuair a bhios Angel a' tilleadh gu talamh, bidh i a' faighinn ghart-eun ri ithe mar dhuais.