Casg-dràibhidh air comhairliche airson dràibheadh fo bhuaidh na dibhe

- Air fhoillseachadh
Chaidh casg-dràibhidh 16 mìosan air comhairliche anns na h-Eileanan an Iar an dèidh mar a ghlacadh e a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe.
Bha An Comh. Seòras Moireach, a bha roimhe na Det.Sàird. sna Poilis, barrachd na ceithir tursan seachad air an ìre cheadaichte de dheoch-làidir nuair a rinn oifigearan poilis deuchainn air sa Ghearran am-bliadhna.
Chaidh Òrdugh Coimhearsneachd a thoirt do Mhgr Mhoireach cuideachd, is feumaidh e 120 uair de dh'obair a dhèanamh gun phàigheadh.
Thuirt neach-lagha Mhgr Mhoirich gun robh nàire uabhasach air agus gun robh aithreachas mòr mu na rinn e.
Chuala Cùirt an t-Siorraidh ann an Steòrnabhagh gun do nochd Mgr Moireach aig stèisean connaidh Campbell's ann an Steòrnabhagh air a' 4mh den Ghearran 2025.
Thuirt luchd-obrach an sin gun robh fàilleadh na dibhe follaiseach air agus dh'fhòn iad chun nam Poileas.
Bha Mgr Moireach aig a dhachaigh nuair a rinn na Poilis deuchainn-anail air agus chlàr iad e aig ìre 107 microgram.
'S e 22 microgram ann an 100ml anaileach an ìre cheadaichte.
"Fèineil"
Bha ceannard Comhairle nan Eilean Siar, an Comh. Pòl Steele, am Fear-Gairm Coinneach MacLeòid, agus an Comh. Tormod Dòmhnallach air litrichean a sgrìobhadh chun na cùirte a' moladh na h-obrach a bhios Mgr Moireach a' dèanamh mar chomhairliche.
Bha litir cuideachd ann bho sheann Chomanndair Sgìre na Gàidhealtachd agus nan Eilean aig Poileas Alba a' moladh na rinn Mgr Moireach fad bhliadhnaichean mar oifigear poilis ann an Leòdhas.
Chaidh aithris sa chùirt gun robh Mgr Moireach air droch naidheachd fhaighinn mu shlàinte air an là mus deach a ghlacadh agus gun do dh'aidich e gur e co-dhùnadh "gòrach" a bh' ann dràibheadh.
Thuirt an t-Siorram Gòrdan MacLaomainn gur e dol a-mach "fèineil" a bh' ann an draibheadh fo bhuaidh na dibhe agus gu bheil cus dheth a' dol anns na h-Eileanan an Iar.
Bidh cothrom aig Mgr Moireach an casg-dràibhidh a lùghdachadh gu bliadhna ma chrìochnaidheas e cùrsa ath-ghnàthachaidh mu dhràibheadh fo bhuaidh na dibhe.