Co-chomhairle air dà roghainn airson càball fon Chuan Sgìth
- Air fhoillseachadh
Tha riaghladair a' chumhachd, Ofgem, air co-chomhairle a thòiseachadh feuch dè an roghainn a b' fheàrr airson càball dealain eadar an t-Eilean Sgitheanach agus Uibhist ùrachadh.
Tha an càball a th' ann eadar an Àird Mhòr anns an Eilean Sgitheanach agus Loch a' Chàrnain ann an Uibhist, air a bhith ann còrr is 30 bliadhna, agus tha dùil nach urrainnear earbsa a chur ann fada tuilleadh.
Tha SSEN, leis a bheil an càball, ag iarraidh càball ùr a chur air grunnd na mara.
Ach tha Ofgem den bheachd gur e a b' fheàrr bho shealladh luchd-pàighidh nan cìsean gun deadh earrann den chàball a tha an-dràsta air a thiodhlaigeadh - eadar Dùn Bheagain agus an Àird Mhòr - a chur air crainn.
Mura tèid an càball ùrachadh a dh'aithghearr, dh'fhaodadh gun caillear cumhachd an dealain ann an Uibhist.
Ma thèid càball ùr a chur air grunnd na mara - an roghainn a b' fheàrr le SSEN - dh'fheumadh iad £53.81m a bharrachd fhaighinn bho Ofgem.
Leis gur e luchd-pàighidh nan cìsean a phàigheadh sin, feumar co-chomhairle a chumail.
Thuirt Ofgem gur ann air SSEN a thigeadh cosgaisean a bharrachd sam bith a thigeadh ri linn maill air a' phròiseact, agus iad ag ràdh gum faodadh a' chompanaidh a bhith air tòiseachadh air a' phròiseact seo o chionn ùine, 's gun gabhadh an cunnart a th' ann gum fàilig an càball aithneachadh na bu thràithe.
Tha Ofgem a-niste ag iarraidh bheachdan bho fheadhainn le ùidh sa chùis ron 13mh là den Ghearran,, taobh a-muigh le dùil gun tèid aithisg fhoillseachadh ron 27mh là den Ghearran.