Faraidhean aiseig gus èirigh 10%

Bàt-aiseig ChalMac
  • Air fhoillseachadh

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba gun èirich faraidhean aiseig na h-Alba 10% bhon ath-bhliadhna.

Thuirt Rùnaire na Còmhdhail, Fiona Hyslop, gum biodh e "ro dhùbhlanach" an reothadh a tha an sàs air faraidhean am-bliadhna, 's a th' air cosg mu £10m, a chumail a' dol.

Thèid an t-àrdachadh a chur an sàs bho Là na Bliadhna Ùire air aiseagan nan Eileanan mu Thuath, agus bhon 28mh den Mhàrt air slighean a' chosta an iar.

"Reoth sinn faraidhean aiseig airson 2023-24 an àite àrdachadh 9.1% a thoirt orra ri linn na h-atmhorachd, gus taic a thoirt do dhaoine, ghnothachasan agus choimhearsnachdan aig àirde staing chosgaisean a' bhith-beò, agus mar chuideachadh ann a bhith a' faighinn seachad air buaidh a' phandemic," thuirt Ms Hyslop, agus i a' sgrìobhadh gu Comataidh an Net Zero, a' Chumhachd agus na Còmhdhail aig Holyrood.

"Ach, ann a bhith a' dèanamh sin, thàinig cosgais an reothaidh air Riaghaltas na h-Alba.

"Ann an suidheachadh fiosgail mar a th' ann an-dràsta, tha call mar sin, £10m ann an aon bhliadhna, ro dhùbhlanach airson a chumail a' dol.

"Gar n-aindeoin, tha tighinn oirnn faraidhean aiseig àrdachadh sa bhliadhna a tha romhainn 10%, a' toirt nam faraidhean air ais gu far an robh iad air a bhith mura robh sinn air an reothadh ann an 2023-24.

"Tha seo a' ciallachadh ann an da-rìribh gu bheil faraidhean air àrdachadh sa bhitheantas a rèir na h-atmhorachd thar ùine.

"Leigidh seo leinn pàirt den chall fhaighinn air ais, faochadh a thoirt do chuid den uallach mhòr a th' ann a thaobh a' bhuidseit, agus taic a chumail ri lìonra nan aiseagan sna bliadhnaichean a tha romhainn."

"Buile mun bhus"

Rinn Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba càineadh air an àrdachadh, 's iad ag ràdh gum bi an naidheachd "na h-adhbhar iongnaidh agus feirge" do choimhearsnachdan eileanach.

"Tha feadhainn a tha an urra ri seirbheisean aiseig ChalMac air seirbheis thruagh fhulang fad bhliadhnaichean ri linn na neo-chomasachd leis an do dh'òrdaich Riaghaltas na h-Alba soithichean ùra," thuirt tè-labhairt còmhdhail a' phàrtaidh, Sue Webber.

"'S e buile eile mun bhos a th' anns an àrdachadh 10% a tha seo dhaibhsan.

"Thuirt Rùnaire na Còmhdhail gu bheil an t-àrdachadh a dhìth, ach cha robh sin fìor mura robh an SNP air na ceudan mhilleanan notaichean a chaitheamh air dà shoitheach ùr nach do dh'aiseig duine sam bhith fhathast grunn bhliadhnaichcean an dèidh an là a bha dùil riutha ann an seirbheis."

Tha bàtaichean a bhith a-mach à seirbheis ri linn obair-càraidh, a thuilleadh air maill air an dà shoitheach ùr a tha gan togail aig Gàrradh MhicFhearghais air Chluaidh, air fàgail gu bheil grunn seirbheisean aiseig air a bhith dheth o chionn ùine a-niste.