Fear-coiseachd a dhìth san Eilean Sgitheanach

- Air fhoillseachadh
Tha iomairt a' dol gus lorg fhaighinn air fireannach a th' air a dhol a dhìth faisg air a' Chuiltheann san Eilean Sgitheanach.
Tha Roddy Mac a' Phearsain, 67, eòlach air coiseachd nam beann, agus chan eil sgeul air bho Dhiluain.
Tha heileacoptairean agus sgioba teasairginn nam beann a' coimhead air a shon.
Chunnacas mu dheireadh e taobh a-muigh Taigh-Òsta Shligeachain 's e a' coiseachd a dh'ionnsaigh na drochaide.
Thuirt a theaghlach gu bheil e neo-àbhaisteach dha gun fios a chur orra, agus gu bheil dragh orra mu dheidhinn.
Tha e 5'10" de dh'àirde, 's e meadhanach tapaidh, le feusag bhàn agus speuclairean.
Tha dùil gu bheil briogais choiseachd dhubh uime, seacaid dhorcha ghorm agus bonaid ghorm air. Bha màileid bheag dhubh ra dhruim.
Chaidh iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh bruidhinn ris na Poilis.
Faodar fios a chur air na Poilis air an àireimh-fòn 101, a' toirt seachad na h-àireimh-cùise 0938 den 4mh là den Ògmhios 2025.