Tagradh Thaigh-cluiche Chomar nan Allt 'son taic-maoineachaidh 'ro fhada'

Taigh-cluiche Chomar nan Allt
  • Air fhoillseachadh

Cha deach iarrtas bho thaigh-cluiche airson maoineachaidh luach na ceudan de mhìltean nòtaichean a mheasadh le Alba Chruthachail, air sgàth is gun robh e ro fhada.

Dh'innis ceannard Thaigh-cluiche Chomar nan Allt dhan BhBC gun robh còir aig Alba Chruthachail a bhith air fios a leigeil dhaibh mun uireasbhaidh agus gum biodh iad air a bhith deònach an t-iarrtas a ghiorrachadh, ach cha do thachair sin ann.

Tha ceistean ann mu na tha an dàn dhan bhuidhinn agus cuideachd dhan togalach ùr anns a bheil iad a-nis stèidhichte.

'S iomadh pìos dràma agus sgeulachd àraid a tha air nochdadh air an àrd-ùrlar aig taigh-cluiche Chomar nan Allt thairis air na bliadhnaichean.

Ach anns na seachdainean a dh'fhalbh tha aire na coimhearsnachd seo air a bhith air an taigh-chluiche fhèin, seach air dad a tha air nochdadh air an àrd-ùrlar.

Tha an taigh-cluiche air a bhith a' dol airson còrr is 60 bliadhna agus ghluais iad gu goireas ùr a chaidh a dhealbhachadh a dh'aona-ghnothach mar ionad ealain bho chionn còrr is trì bliadhna.

Nuair thàinig e am follais nach robh Alba Cruthachail a' dol a chumail orra taic-airgid a thoirt dhan taigh-chluiche, thuirt an t-ionad gun robh "an cridhe briste" agus gun robh seo a' fàgail 44 obraichean ann an cunnart.

Sarah Price
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt ceannard an taigh-chluiche, Sarah Price, nach robh iad riaraichte leis na h-adhbharan a thugadh dhaibh airson an t-iarrtas a dhiùltadh

Thuirt ceannard an taigh-chluiche, Sarah Price, gun do choinnich iad ri Alba Cruthachail agus nach robh iad riaraichte leis na h-adhbharan a thugadh dhaibh airson an t-iarrtas a dhiùltadh.

"'S e an reusanachadh a thathar a' toirt seachad gur ann mu dheidhinn pròiseas a tha e, mu phròiseas maoineachaidh agus mu stiùireadh mun àireimh de dh'fhaclan a tha ceadaichte ann am plana-ghnothachais.

"Agus mar thoradh air a sin, chaidh co-dhùnadh a dhèanamh nach robh an t-iarrtas aig ìre agus nach deach fiù 's comharran a thoirt dha.

"Cha robh for againn ann an dòigh sam bith, le bhith a' dol thairis air an àireimh de dhuilleagan a bha ceadaichte, gum biodh sin gar fàgail mì-fhreagarrach agus nach biodh gin den fhiosrachadh a chuir sinn a-steach air a mheasadh anns an sgrùdadh aca.

"Ann an còrr is bliadhna a bh' aca airson measadh a dhèanamh air na h-iarrtasan sin, bha còir cothrom a bhith ann tilleadh thugainn airson innse dhuinn nach eil an tagradh againn iomchaidh, gum bu chòir dhuinn a chur a-steach a-rithist taobh a-staigh nan stiùiridhean, agus bhiodh cothrom air a bhith againn sin a dhèanamh", thuirt i.

MJ Deans
Fo-thiotal an deilbh,

"Tha mi cinnteach nach bithinn nam chleasaiche proifeasanta às aonais Thaigh-cluiche Chomar nan Allt"

'S e cleasaiche proifeasanta a th' ann an MJ Deans agus bha i cuideachd roimhe air bòrd-stiùiridh an taigh-chluiche.

Tha MJ ag ràdh gur e suidheachadh air leth duilich a th' ann is nach biodh i na cleasaiche mura b' e na sgilean a dh'ionnsaich i bho thùs aig tèatar òigridh ann an Comar nan Allt.

Dh'innis i cuideachd mar a fhuair i taic a thaobh pàigheadh 'son trèanadh nuair a bha i òg, a' pàigheadh thairis air ùine seach ann an cnap, is gun tug seo dhi cothrom sgilean ionnsachadh a tha i a' cleachdadh fhathast.

Thuirt i gun robh i air a dòigh ghlan nuair a ghluais iad dhan togalach ùr, agus gun robh e cudromach cuideachd gun robh sin stèidhichte ann an sgìre nach robh beartach.

"Tha na h-ealain agus cultar, nam bheachd-sa, cho cudromach do dhuine sam bith, do gach duine.

"Ach gu h-àraid an seo, nuair a rinn iad an taghadh air càite an robh an làrach ùr, an togalach ùr seo gu bhith, bha iad airson 's gum biodh e an seo anns a' phàirt seo de Chomar nan Allt, a tha gu math ìosal air clàr SIMD (Clàr Albannach an Ioma-Airceis, taobh a-muigh), agus a tha caran bochd.

"Oir bha iad airson cothrom a thoirt do na daoine seo inntrigeadh leis a' chultar is na h-ealain, oir na daoine aig nach eil tòrr airgid, tha iadsan fhathast airidh air cultar agus ealain agus rudan mar sin.

"Tha na ticeadan uaireannan nas saora airson nan daoine a tha a' fuireach an seo cuideachd is leis a sin, tha cothroman ann tighinn ann", thuirt MJ.

An Comh. Ailean Masterston
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt an Comh Ailean Masterston gum bi buaidh mhòr air an sgìre ma dhùineas an taigh-cluiche

A rèir a' chomhairliche Ailean Masterston, ma dhùineas an taigh-cluiche bheir sin buaidh mhòr air an sgìre.

"Chan eil goireasan cultarail eile idir, idir ann an Comar nan Allt.

"Chan eil mòran anns a' bhaile, feumaidh sinn a dhol a Ghlaschu no àiteachan mar Shruighlea.

"Bidh daoine ann an Comar nan Allt an-còmhnaidh a' faireachdainn gu bheil seirbheisean is goireasan a' dol bhon bhaile seo gu àiteachan eile ann am meadhan na h-Alba, agus chan eil dad a' tighinn air ais", thuirt an Comh Masterton.

Slatan-tomhais

Ann am brath thuirt Alba Chruthachail: "Gu mì-fhortanach, cha robh a h-uile iarrtas soirbheachail ann a bhith a' coileanadh nan slatan-tomhais againn agus mar sin dheth cha do shoirbhich leis an iarrtas aca airson maoineachadh iomadh-bhliadhna.

"Ged nach bi sinn a' bruidhinn mu dheidhinn iarrtasan fa leth, tha sinn a' tuigsinn gur e briseadh-dùil mòr a th' ann dhaibh."

Tha dùil gun coinnich ceannard an taigh-chluiche ri Rùnaire Cultar Riaghaltas na h-Alba, Aonghas Robastan, nas fhaide air an t-seachdain seo.

Tha iad cuideachd a' bruidhinn ris an ùghdarras ionadail ann an oidhirp taic eadar-amail fhaighinn airson an taigh-chluiche a chumail a' dol, a bharrachd air a bhith a' coimhead air dòighean eile 'son maoineachadh fhaighinn.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Am fear-naidheachd Calum MacLeòid a' bruidhinn ris a' chleasaiche MJ Deans ann an Taigh-cluiche Chomar nan Allt