Barrachd airgid a dhìth 'son loidhne-rèile a' chinn a tuath a leasachadh

- Air fhoillseachadh
Tha buidheann iomairt air barrachd maoineachaidh iarraidh gus amannan siubhail air Loidhne-Rèile a' Chinn a Tuath a ghiorrachadh.
Tha Network Rail air pròiseact luach £11.5m a thòiseachadh gus càradh a dhèanamh air an loidhne eadar Inbhir Nis agus Inbhir Ùige is Inbhir Theòrsa ann an Gallaibh.
Tha am pròiseact ag amas air siubhal a dhèanamh nas sàbhailte, nas cofhurtaile agus nas seasmhaiche.
Tha a' bhuidheann iomairt Friends of the Far North Line ag ràdh gu bheil iad air an dòigh leis a' phròiseact gu ruige seo, ach gu bheil cruaidh-fheum air barrachd obair-leasachaidh, leithid seach-làraichean air an loidhne, a tha cha mhòr singilte air fad.
Thathas ag ràdh gun dèanadh seo na seirbheisean nas tarraingiche do dhaoine, leis gum biodh na tursan nas giorra.
Tha e a' toirt còrr is ceithir uairean de thìde siubhal à Inbhir Nis a dh'Inbhir Ùige an-dràsta.
Ann am brath thuirt Còmhdhail Alba nach eil planaichean ann am prògram maoineachaidh Riaghaltas na h-Alba airson seach-làraichean a bharrachd a thogail - ach gu cùm iad orra le obair leasachaidh air seirbheisean rèile.