"Cleachd e neo caill e" - rabhadh mu thaigh-spadaidh Steòrnabhaigh

Thig àrdachadh 5% air cosgaisean beathaichean a spadadh am-bliadhna
- Air fhoillseachadh
Chaidh draghan a thogail mu na dh'fhaodadh a bhith an dàn don aon taigh-spadaidh san Rìoghachd Aonaichte a tha fo smachd ùghdarrais ionadail.
Thàinig lùghdachadh 37% air na chleachd an goireas ann an Steòrnabhagh bho 2018 agus thàinig àrdachadh 72% air na tha e a' cosg do chroitearan beathaichean a spadadh.
Chuala Comataidh na Còmhdhail agus a' Bhunstructair aig Comhairle nan Eilean Siar gun tàinig lùghachadh 5% air na tha de chaoraich san sgìre san ùine sin.
Chaidh innse dhaibh nach do rinn an goireas ach £124,000 an-uiridh agus gun do dh'fhaillich orra targaid teachd a-steach de £184,000 a ruighinn.
Feumar buidseatan sheirbheisean munaiseapail a chleachdadh airson a' bheàrn a lìonadh.
Dh'aontaich a' Chomhairle aig toiseach na bliadhna £50,000 de Mhaoin Oighreachd a' Chrùin a chosg airson an taigh-spadaidh a chumail a' dol.
- Air fhoillseachadh23 An Giblean 2018
- Air fhoillseachadh17 An t-Ògmhios 2022
- Air fhoillseachadh20 An t-Ògmhios 2024
Thug a' chomataidh taic do mholadh cosgaisean spadaidh a chur an-àirde 5% am-bliadhna.
Nochd an Comh. Aonghas Moireasdan dragh mun àrdachadh sin, ach thug e rabhadh do chroitearan nach biodh e comasach dhaibh an goireas a chumail a' dol mura cleachdadh iad e.
Chaidh iarraidh air croitearan beathaichean a thoirt dhan taigh-spàdaidh far a bheil seirbheis shàbhailte seach am marbhadh aig an taigh.
Thuirt Comhairliche Loch a Tuath, Dòmhnall Crichton, gun robh leisg air croitearan barrachd stuic a bhith aca air sgàth 's na tha de dh'obair-rianachd co-cheangailte ris.
Thug e taic do thagradh na Comhairle maoineachadh fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba airson Co-òrdanaiche Spadaidh Phrìobhaidich a bhiodh ag obair le coimhearsnachdan airson barrachd feum a dhèanamh den taigh-spadaidh.
Bidh an taigh-spadaidh a' fosgladh nas anmoiche am-bliadhna, san t-Sultain seach san Lùnastal, agus nì sin sàbhalaidhean de £14,000.
Bidh aig croitearan a-nis ri beagan agus £44 a phàigheadh airson caora a spadadh.