Ionad dualchais dha na commandothan san amharc an Loch Abar

- Air fhoillseachadh
Tha iomairt air tòiseachadh feuch ionad dualchais dha na commandothan a stèidheachadh ann an Loch Abar.
'S e Urras Dualchais Eadar-nàiseanta nan Commandothan a tha air cùl a' phròiseict.
Chaidh na planaichean a chur air bhog Disathairne ann an Achadh na Cairidh.
'S ann air Oighreachd Achadh na Cairidh ann an 1942 a thòisich obair aig a' chiad ionad trèanaidh a bh' aig na commandothan.
Eadar 1942 is 1946, fhuair 26,000 duine às an Rìoghachd Aonaichte, Nirribhidh, an Òlaind, an Danmhairg, a' Phòlainn, an Fhraing, a' Bheilg, na Stàitean Aonaichte, cho math ri Czechoslovakia is Yugoslavia mar a bh' ann aig an àm, trèanadh san ionad.
Thathar a' coimhead air fhathast mar an t-àite far an tàinig trèanadh nam feachdan sònraichte ann am Breatainn gu bith.
- Air fhoillseachadh11 An t-Samhain 2024
Bidh mòran a' tadhal air carragh-chuimhne ainmeil nan Commandothan faisg air Drochaid an Aonachain far am bi seirbheisean cuimhneachaidh cuideachd gan cumail.
Tha Urras Dualchais Eadar-nàiseanta nan Commandothan a-nis ag ràdh gu bheil iad 'son "dìon a chur air dualchas is eachdraidh nan Commandothan is nam Feachdan Sònraichte".
Thuirt iad gur e ionad dualchais is foghlaim a bhiodh ann, a bhiodh a' tarraing dhaoine bho thall is a bhos is a dh'obraicheadh gu dlùth leis na coimhearsnachdan ionadail.
Tha iad an dùil gun rachadh cosnaidhean a chruthachadh is gum biodh buannachdan eile ann dhan sgìre.
Bha gnothaichean ceangailte ris an dàrna cogadh is eachdraidh nan commandothan fad iomadh bliadhna air an taisbeanadh aig Taigh-òsta Drochaid an Aonachain.
Thuirt an t-urras gur e na coimhearsnachdan ionadail a chuir dìon air na gnothaichean eachdraidheil nuair a nochd ceist mun taigh-tasgaidh a bha san taigh-òsta, is gun deach gealltainn gun tèid an taisbeanadh gu poblach às ùr.