Eaglais Thiriodh: "Tha faireachdainn air an eilean gum biodh e na chall mòr"

- Air fhoillseachadh
Tha plana ann an Tiriodh togalach Eaglais na h-Alba san eilean a cheannach às leth na coimhearsnachd.
'S i an togalach mu dheireadh a th' aig Eaglais na h-Alba ann an Tiriodh is iad an dùil a dhùnadh ro dheireadh na h-ath-bhliadhna.
Tha plana aig a' choimhearsnachd a glèidheadh agus a cumail 'son seirbheisean agus tachartasan eile.
"Mar a tha fhios aig a' chuid mhòir de dhaoine tha mòran dhiubh a' dùnadh dìreach le cion airgid, 's e as motha a th' aig bun a' ghnothaich," thuirt Lachaidh MacPhàidein a tha na eildear ann an Eaglais na h-Alba ann an Tiriodh.
"Tha an eaglais seo ann an Tiriodh, 's e an aon eaglais (de dh'Eaglais na h-Alba) a th' air an eilean air fhàgail.
"B' àbhaist sia no seachd de dh'eaglaisean a bhith ann.
"An aon eaglais a th' air fhàgail airson bhainnsean, no tòrraidhean no baisteadh no rud sam bith mar sin."

Tha Lachaidh MacPhàidein ag ràdh nach bidh uimhir de dhaoine a' frithealadh sheirbheisean bho chaidh mòran dhiubh a chur air-loidhne aig àm Chovid
Bho àm Chovid, thòisich mòran seirbheisean na h-eaglaise a dhol air-loidhne, agus tha Mgr MacPhàidein ag radh nach bidh uimhir de dhaoine a' frithealadh leithid de sheirbheis.
"Mar as àbhaist tha deugachadh, dh'fhaoidte 15 no 16, anns a' gheamhradh," thuirt e.
"Ach nuair a thig an samhradh, 's mòran de dhaoine a' tighinn air làithean-saora, tha dh'fhaoidte suas ri 50 a' tighinn air an Dòmhnach.
"Gu sònraichte nuair a tha ministear a' tighinn a ghabhail na seirbheis.
"Chan eil uiread de dhaoine a' tighinn nuair 's ann air-loidhne a thathar ga dhèanamh."
Tha luchd-stiùiridh Eaglais na h-Alba air cur romhpa an togalach a reic.
"Muinntir Dhùn Èideann, rinn iad suas gur ann air deireadh 2026 a dhùineadh an eaglais 's gum biodh i air a creic.
"Ach tha faireachdainn air an eilean gum biodh e na chall mòr, agus tha sinn a' feuchainn ri a chur air dòigh gun gabhadh coimhearsnachd an eilein thairis an eaglais," thuirt e.
Tha dùil gun tèid urras a chruthachadh airson an togalach a cheannach às leth na coimhearsnachd.