Dòchas às ùr an Dùrar

Sgoilearan Dhùrair is iad ag ionnsachadh a-muigh air a' chladach
- Air fhoillseachadh
Tha dòchas às ùr ann an Dùrar air taobh siar na Gàidhealtachd gun tig fàs air a' bhun-sgoil ionadail às dèidh dearbhadh nach tèid a dùnadh.
Gun ach dithis sgoilearan innte, 's i Bun-sgoil Dhùrair tè de na sgoiltean as lugha san dùthaich.
'S e sin a dh'fhàg gun robh Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh an sgoil a dhùnadh agus sgoilearan a chur gu Bun-sgoil Bhaile a' Chaolais.
Chaidh muinntir an àite air an casan is iad iad ag ràdh gum biodh "an cridhe ga reubadh às ar coimhearsnachd" nan rachadh an sgoil a chall.
Thuirt iad le tòrr a bharrachd phàistean is bhèibidhean san sgìre a-nise gu bheil dùil gun tig àrdachadh air àireamh nan sgoilearan.
Air a' cheann thall dh'aontaich Comataidh an Fhoghlaim sa Mhàrt an sgoil a chumail fosgailte.

Holly a' cumail sùil air na sgoilearan
'S e togail cridhe a bha sin dha na sgoilearan, Shannon is Molly, is an tidsear aca Holly Graves.
"'S e àite air leth a th' ann is tha càirdeas sònraichte ann leis na sgoilearan oir tha thu cho eòlach orra," thuirt Holly.
Tha a' choimhearsnachd fhèin a' faicinn seo mar cheum air leth cudromach a thaobh ath-bheòthachadh na coimhearsnachd san fharsaingeachd.
"Bha bùth an seo is bha taighean-òsta ann - chan eil dad den sin againn tuilleadh," thuirt Deborah McCartney, a tha na pàrant ann an Dùrar.
"Tha an sgoil riatanach ma tha a' choimhearsnachd gu bhith buan is ma tha i gus soirbheachadh."

Tha na sgoilearan mar-thà tric an sàs ann am foghlam a-muigh is iad ag ionnsachadh air a' chladach faisg air làimh.
Tha cothrom ann togail air sin, thathar an dòchas, le beachd ann an sgoil a chleachdadh mar hub 'son foghlam STEM air a' Ghàidhealtachd.
Tha iad an dòchas obrachadh leis a' Chomann Albannach airson Saidheans Mara faisg air làimh san Òban, am measg bhuidhnean eile.
"Tha na mìltean mòra de chladach againn an seo is tha cothrom ann ceangal a dhèanamh às ùr le cultar is àrainneachd na mara," thuirt Sarah Fanet, a tha na comhairliche airson A' Ghearasdain 's Àird nam Murchan.
"Dh'fhaodadh sinn modail a stèidheachadh an seo a ghabhadh a chur an sàs air feadh na Gàidhealtachd."
Is dè mu dheidhinn an fheadhainn as cudromaiche a th' ann?
'S ann a tha na nigheanan fhèin an dòchas gum bi barrachd sgoilearan còmhla riutha a dh'aithghearr.
"Bha sinn airson is gum fuiricheadh an sgoil fosgailte oir tha mise air a bhith an seo a' mhòr-chuid dha mo bheatha," tha Molly ag ràdh.
"Tha mi airson is gun tig feadhainn eile oir 's e sgoil cho math a th' ann is chan eil mi idir airson is gun dùin i," thuirt Shannon.
"Ach fhad 's nach tig cus," ars Molly.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh26 An Gearran