Cuimhne às ùr air "an turas hitchhiking a b' fheàrr a bh' ann a-riamh"

Sandy Dòmhnallach, Seumas 'Ginger' MacUilleim, is Uilleam Kemp is iad air tilleadh dhachaigh gu Baile a' Chaolais ann an 1940
- Air fhoillseachadh
Cluinnidh sinn tric mu cho math 's a tha dà-chànanas is mar a gheibh clann air adhart le foghlam Gàidhlig.
Am measg nan iomadh buannachd a thathar a' taisbeanadh do phàrantan ge-tà, tha fios nach eil guth air a' Ghàidhlig mar dhòigh air teicheadh bho champa phrìosanach.
Tha an stòiridh ainmeil mar a rinn triùir às a' Ghàidhealtachd an dearbh rud sin san Dàrna Cogadh ga h-innse às ùr an t-seachdain seo le boireannach a tha càirdeach do dh'fear de na seòid.
Tha Susan Kemp ag ràdh gu bheil i cinnteach gun robh na balaich am beachd bho thùs a' Ghàidhlig a chur gu feum gus teicheadh - is gu bheil e cho cudromach 's a bha e riamh cuimhneachadh orra.
Tha Susan dìreach air òraidean mun ghnothach a thoirt seachad aig Taigh-tasgaidh na Argyll and Sutherland Highlanders ann an Caisteal Shruighlea is 80 bliadhna ga chomharrachadh bho Là VE.
B' ann à Baile a' Chaolais a bha Uilleam Kemp, Sandy Dòmhnallach is Seumas 'Ginger' MacUilleim.
Bha iad nam pàirt den 51st (Highland) Division a chaidh a chuairteachadh leis na Gearmailtich aig St Valery san Ògmhios 1940 is a dh'fhuiling call a bhuail air bailtean air feadh a' chinn a tuath.
Às dèidh òrdugh fhaighinn gèilleadh, chaidh suas ri 10,000 a chur an grèim is na Gearmailtich gam buachailleachd ann an loidhnichean mòra fada gu ruige champaichean.
Ach cha b' e sin a bha an dàn do bhalaich Bhaile a' Chaolais.

Susan Kemp ag òraid mu sheòid Bhaile a' Chaolais aig Caisteal Shruighlea
Bha iad mar-thà air cur romhpa fhèin teicheadh a' chiad chothrom a bh' ann, cothrom a thàinig nuair a stad na prìosanaich is boireannach fialaidh Frangach a' tabhainn deoch uisge.
Le "mach à seo" bho Uilleam Kemp, shnàig iad a-steach a ghàrradh a' bhoireannaich.
Às dèidh aodaich shìobhaltach fhaighinn, thòisich iad a' dèanamh air an Spàinn, fiù 's a' faighinn lioftaichean air làraidhean Gearmailteach nach do thuig gur e saighdearan Bhreatannach a bha iad a' giùlain.
Theab cùisean a dhol fada ceàrr is iad air an cur an grèim a-rithist is comanndair Gearmailteach gan cruaidh-cheasnachadh. Gu mì-fhortanach dhan truaghan ge-tà, cha robh a' Ghàidhlig aige.
Dè an nàiseantachd a th' agaibh? "Chan eil fios agam".
Cò às a tha sibh? "Àird nan Staing".
"Chuir iad ceistean oirnn ann an ochd cànanan ach chùm sinn oirnn a' cabadaich sa Ghàidhlig," dh'innseadh Ginger, a thuirt ris a' Ghearmailteach cuideachd gum faodadh e a dhol a dh'Ifrinn.

Ginger MacUilleim is Uilleam Kemp às dèidh dhaibh am Am Bonn Mìlidheach fhaighinn
Eadar sin is an corrag a chur air an Ucràin nuair a chaidh mapa a shealltainn dhaibh, bha na Gàidheil air na h-oifigearan Gearmailtach a chur gu tur droil.
"Thuirt an comanndair "Allez" is dh'fhosgail e an geata dhuinn. Bha sinn saor a-rithist," chuimhnich Uilleam.
Dh'fhuirich iad mar sin gus an do ràinig iad an Spàinn is às a sin dhachaigh a dh'Alba agus a Bhaile a' Chaolais.
"An turas hitchhiking a b' fheàrr agam a-riamh - sin a thuirt m' uncail," tha Susan Kemp ag ràdh le gàire. 'S i Susan nighean bràthar Uilleim is i fhèin a' fuireach ann am Baile a' Chaolais.
"Bha iad dhachaigh ann an sia seachdainnean. Bho cheann a tuath na Frainge, tro dhùthaich a bha fo smachd nan Gearmailteach is thairis air na Pyrenees. 'S iad a bha dàna!"
Tha Susan a' smaointinn gur e cho buileach dàna a bha iad as coireach gu bheil ùidh cho mòr aig daoine san sgeulachd fhathast is fèill mhòr air na h-òraidean aice.
"Leis mar a bha iad a' còmhradh sa Ghàidhlig bha iad a' falach dìreach fa chomhair nan Gearmailteach. Bha iad a' faighinn lioft bhuapa!
"Bha daoine san èisteachd le gàire air an aodan is a' crathadh an cinn.

An triùir còmhla a-rithist iomadh bliadhna às dèidh a' chogaidh
Tha Susan a' togail air caraid dha na balaich, saighdear Sasannach a bha air iarraidh a bhith ann an rèiseamaid Albannach. Dh'ionnsaich e beagan Gàidhlig bhuapa is bha e fhèin airson teicheadh còmhla riutha.
"Ann an cunntas a lorg mi tha esan ag ràdh gum biodh iad ga dhùsgadh gu grad sa mhadainn is gur e a' Bheurla a bhiodh aige an-còmhnaidh.
"Thuig e mar sin nach b' urrainn dha falbh còmhla riutha. 'S e sin a tha a' fàgail gu bheil mi a' faireachdainn gun robh fios aca bho thùs gur e an cànan màthaireil a bhruidhinn an rud a chleachdadh iad gus teicheadh."
Chleachd agus rudan prìseil eile a thog iad ann am Baile a' Chaolais: dàimh a stèidhich iad a' fàs suas ann an coimhearsnachd dhlùth is air pàircean iomain. Agus cuid de sgilean eile a dh'ionnsaich iad aig an taigh.
"Tha fiosam gun robh iad uile math air beathach fhaighinn bhon bheinn 'son na poit no iasg a thoirt à Abhainn Chomhann," tha Susan ag innse.

Àird nan Staing: Bha e follaiseach nach robh comandairean Ghearmailtach riamh ann
Fhuair an triùir am Bonn Mìlidheach, ged a dh'adbhraich an gnothach, tha e coltach, gun robh na Gearmailtich gu sònraichte cruaidh air Gàidheil eile a bha an grèim aca is muinntir Ghleann Bhaile Chaoil air culaidh-mhagaidh gu math poblach a dhèanamh dhiubh.
Cha robh na balaich fhèin fada aig an taigh ann an 1940 is iad uile a' tilleadh gu seirbheis cha mhòr sa bhad. Gu taingeil thàinig iad beò às a' chogadh is iad uile a' ruighinn deagh aois.
Cluinnear guth Ginger fhathast ann an Tobar an Dualchais, taobh a-muigh is e a-mach air leithid Seumas a' Ghlinne is Rob Ruadh.
Le cleasan 1940, bha na balaich iad fhèin air àite a chosnadh ann am beul-aithris na Gàidhealtachd, gaisgich ùra nan linn fhèin.
'S iad cuideachd ge-tà, gu ìre mhòir an ginealach mu dheireadh ann am Baile a' Chaolais a thogadh leis a' Ghàidhlig air am bilean.
'S gann gun gabh a chreidsinn, tha Susan a' togail, gun robh an dùthaich na glòir le sgeulachd nan gaisgeach is an cuid Gàidhlig is clann ann am Baile a' Chaolais a' faighinn slais mun dearbh àm 'son Gàidhlig a bhruidhinn san sgoil, mar a thachair ann an iomadh àite eile.

Bha an triùir a' cluich iomain is chunnaic Ginger Wilson Cupa na Camanachd a' tighinn dhan Ghearasdan 'son a' chiad uair ann an 1992. Seo e còmhla ri Adhamh Robasdan
"Mura b' e a' Ghàidhlig, cha bhithinn an seo an-diugh is tha mi a' smaoineachadh gu bheil e garbh cudromach gun tuig daoine mar a chuidich a' Ghàidhlig sinn," dh'innis Ginger do Thìm an Òbain goirid ro a bhàs ann an 1993.
"Airson is gum bi an cànan buan, bu chòir do chloinn ionnsachadh aig aois òg."
Tha Susan ag ràdh gun robh iad uile a cheart cho moiteil às an àite is na daoine às an tàinig iad, mar a tha i fhìn cho pròiseil àsta.
Tha i 'son dèanamh cinnteach nach tèid an dìochuimhneachadh.
"Chunnaic iad tràth cho uabhasach 's a tha cogadh ach chùm iad orra oir bha iad ag iarraidh saoghal nas fheàrr.
"Am prionnsabal ud de choimhearsnachd agus seirbheis, rinn iad sin gun a bhith fiù 's a' smaointinn air.
"Bu chòir dhuinn cuimhneachadh is moladh a dhèanamh orra is an dàimh a bh' ann eatorra.
"Bu toil leam gun robh fios aca gu bheil daoine fhathast a' bruidhinn mun deidhinn, gu bheil iad ga mheas cudromach, is gu bheil an stòiridh aca fhathast beò."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh4 An t-Ògmhios 2020