Riaghaltas a' gealltainn taic a thaobh Taigh-staile na Hearadh

- Air fhoillseachadh
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun dèan iad a h-uile dad as urrainn dhaibh gus na Hearadh is Taigh-staile na Hearadh a chuideachadh, às dèidh dhan chompanaidh innse gun tèid obraichean a ghearradh.
Dhearbh an taigh-staile aig deireadh a' Ghiblein gun tèid cuid den luchd-obrach aca a chur às an dreuchd agus gun tòisich iad air nas lugha deoch-làidir a dhèanamh airson an gnothachas a shàbhaladh.
Thuirt iad gu bheil a' mhargaidh a' fàs dùbhlanach.
Thàinig an naidheachd mar chlach às an adhar do mhòran is iomagain mhòr ann mu dheidhinn.
A' bruidhinn air a' mhìos seo chaidh thuirt an comhairliche Coinneach MacLeòid gur e buille chruaidh a bha san naidheachd
Chan eil fhios fhathast cia mheud neach a chailleas an cosnadh.
Tha Ministear Gnothachais Riaghaltas na h-Alba, Ridseard Lochhead, a-nise ag ràdh gu bheil an Riaghaltas gu math mothachail air an t-suidheachadh.
"Nì sinn gach rud as urrainn dhuinn airson na Hearadh agus a' chompanaidh a chuideachadh.
"Gu follaiseach 's e co-dhùnadh coimeirsealta a th' ann airson na companaidh ach tha sinn a' tuigsinn mun bhuaidh a th' aig call cosnaidh air coimhearsnachd mar seo.
"'S e sin as coireach gu bheil sinn a' cumail sùil gheur air an t-suidheachadh agus ag obair leis a' chompanaidh."

Thuirt Mgr Lochhead cuideachd gu bheil an Riaghaltas an dòchas gun tig piseach air gnìomhachas an uisge-bheatha anns na mìosan ri tighinn.
Thuirt Taigh-staile na Hearadh gu bheil iad a' cur fàilte air taic sam bith a bharrachd bhon Riaghaltas.
Tha iad ag ràdh gu bheil iad fhèin 'son taic a chumail ri feadhainn a tha air cur a-steach 'son na h-obraichean aca fhàgail len toil fhèin a thaobh cosnaidhean ùra a lorg.