Leasachadh ionad dualchais Cnoc Soilleir air ìre chudromach a ruighinn

Leasachadh aig Cnoc SoilleirTùs an deilbh, Michael Faint/An Solas Oir Photography
  • Air fhoillseachadh

Tha cumadh an togalaich ùir a thathas a' cur ri Cnoc Soilleir, an t-ionad culturail agus coimhearsnachd ann an Dalabrog, a-nis nas nochdte.

Tha am freum stàilinn air a chur suas, ceum cudromach san Dàrna Ìre de Chnoc Soilleir a dh'ionnsaigh amas hub airson cultar, ceòl agus foghlam Gàidhlig a chruthachadh.

'S e a' bhuidheann-ealain Ceòlas a tha os cionn a' phròiseict fom bi ionad-èisteachd le rùm gu leòr airson 200 duine agus dà stiùidio dannsa.

Bidhear a' comharrachadh san Iuchar gu bheil 30 bliadhna on bha a' chiad Sgoil Shamhraidh aig Ceòlas.

Leasachadh aig Cnoc SoilleirTùs an deilbh, Michael Faint/An Solas Oir Photography

'S e a' chompanaidh MacInnes Bros., stèidhichte ann am Beinn na Faoghla, a fhuair an cùmhnant airson na h-obrach.

Tha dùil gum fosgail na goireasan ùr as t-earrach 2026.

Chuir Ailig O' Henley, Cathraiche Chnoc Soilleir Earr., fàilte air an naidheachd.

Thuirt e: "Tha e cumhachdach am freuma stàilinn fhaicinn don a h-uile duine a rinn obair cho cruaidh gus am pròiseact seo a thoirt gu buil.

"Tha Cnoc Soilleir a' samhlachadh spiorad na coimhearsnachd agus luach cultar na Gàidhlig, agus tha sinn air ar dòigh an Dàrna Ìre fhaicinn a' dol an-àirde."