Droch aithisg do Bhun-Sgoil Bhail' Ùr an t-Slèibh

Comhairle na Gàidhealtachd
  • Air fhoillseachadh

Feumaidh piseach tighinn air ceannas agus structar an luchd-obrach aig bun-sgoil ann am Bàideanach far a bheil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus na Beurla ga thoirt seachad.

Thadhail luchd-sgrùdaidh air Bun-Sgoil Bhail' Ùr an t-Slèibh, agus air sgoil-àraich na sgoile, sa Mhàrt, 's rinn iad grunn mholaidhean airson leasachaidh.

Chaidh sia sgìrean a chomharrachadh far a bheileas a' sùileachadh piseach, nam measg a bhith ag ath-stèidheachadh na sgoil-àraich tro mheadhan na Gàidhlig ach am faigh clann modal ionnsachaidh adhartach agus bogadh sa chànan - le fileantachd "mòran nas làidire" a dhìth.

Fhuair an luchd-sgrùdaidh ge-tà, gun robh a' chlann san sgoil-àraich "socair agus toilichte fhad 's a bhios iad a' cluich agus ag ionnsachadh".

Bha clann san sgoil "modhail agus deònach ionnsachadh".

Fhuair iad cuideachd gun robh clann nas òige a tha ag ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig san sgoil "a' leasachadh an sgilean ann an litearachd agus Gàidhlig gu math tro dhòighean-obrach bogaidh leithid seinn agus eadar-obrachadh le daoine eile sa Ghàidhlig".

Thuirt Foghlam Alba ge-tà, gu bheil barrachd luchd-obrach a dhìth, gu h-àraid airson taic a thoirt do chloinn le feumalachdan a bharrachd.

"Lag"

Anns an aithisg aca, chomharraich an luchd-sgrùdaidh an sgoil agus an sgoil-àraich mar "lag" no "neo-shàsachail" anns a h-uile raon.

Fhuair an luchd-sgrùdaidh gu bheil piseach a dhìth air ionnsachadh, teagasg agus measadh gach cuid ann an roinn na Gàidhlig agus roinn na Beurla, le leasachadh a dhìth ann an litearachd agus àireamhachd na cloinne.

Tha leasachadh a dhìth cuideachd a rèir na h-aithisg air ionnanachd ionnsachaidh do chloinn anns gach roinn den sgoil, agus tha taic a dhìth air luchd-obrach "gus dòighean-obrach de dh'àrd-inbhe a chleachdadh gu cunbhalach gus clann a chuideachadh le bhith a' tuigsinn an cuid faireachdainnean agus sunnd".

Chaidh iarraidh air Comhairle na Gàidhealtachd "gnìomh èiginneach a ghabhail" airson piseach a thoirt air ceannas na sgoile, agus airson dèanamh cinnteach gu bheil an taic a tha a dhìth air luchd-obrach airson piseach a thoirt air ìre an ionnsachaidh a tha ri fhaighinn.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil àrd-oifigich foghlaim ag obair leis an sgoil airson piseach a thoirt air cùisean.

Thuirt neach-labhairt gur e rùn an ùghdarrais ionadal gum bi àrainn ionnsachaidh, gnathan-eòlas agus eadar-obrachadh aig àrd ìre aig clann-sgoile.