Trioblaidean le siostam IT NHS na Gàidhealtachd

Tha Ospadal an Rathaig Mhòir air aon de na làraichean far a bheil trioblaidean le siostam IT
- Air fhoillseachadh
Tha NHS na Gàidhealtachd air suidheachadh èiginneach a ghairm agus iad a' dèiligeadh ri trioblaidean teicnigeach a tha a' toirt buaidh air siostaman IT ann an ospadalan agus air seirbheisean anns an sgìre.
Am measg nan làraichean air a bheil seo a' toirt buaidh tha Ospadal an Rathaig Mhòir agus Ionad-Cùraim Nàiseanta na Gàidhealaltachd ann an Inbhir Nis, agus Opsadal Latharna agus nan Eilean san Òban.
Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun deadh aca air dèiligeadh nas fheàrr leis na trioblaidean le bhith a' gairm suidheachadh èiginneach, agus taic a bharrachd iarraidh nan robh sin a dhìth.
Thuirt iad gum bu chòir do dh'euslaintich nochdadh aig na h-amannan a chaidh a chur air dòigh dhaibh mura cluinneadh iad càil bhuapa.
Thuirt am bòrd-slàinte: "Fhad 's a tha sinn ag obair gu cruaidh le buidhnean nàiseanta agus eòlaichean teicneòlais gus seo a chur ceart, dh'fhaodadh gum bi cuid de sheirbheisean nach eil a' dol mar as àbhaist no air a bheil beagan dàil.
"Tha na sgiobaidhean againn a' dèiligeadh ris gu math agus a' dèanamh nas urrainn dhaibh airson agus siostaman a chumail cho rèidh sa ghabhas.
"Bu mhath leinn taing a thoirt dhan luchd-obrach, euslaintich agus am poball airson a bhith cho tuigseach agus taiceil fhad 's a tha sinn a' feuchainn ri fuasgladh fhaighinn. "