Pròiseact glèidhteachais airson tràighean is cladaichean a dhìon

Monty Halls
Fo-thiotal an deilbh,

Monty Halls le 'Baga Mòr Gòrm' air Tràigh Ghearadha

  • Air fhoillseachadh

Chaidh iomairt am 'Big Blue Bag' a chur air bhog Diluain leis a' chraoladair ainmeil Monty Halls, ann an co-bhanntachd leis a' chompanaidh HX Expeditions.

'S ann mun àrainneachd timcheall air costaichean na Rìoghachd Aonaichte a glèidheil a tha e, agus a' chiad phoca a thoirt seachd do mhuinntir nan Eilean.

Chan e seo a' chiad turas a tha Monty Halls air a shlighe a dhèanamh do na h-Eileanan Siar, 's e stèidhichte ann an Uibhist a Tuath ann an 2009 airson am prògram "Monty Halls' Great Hebridean Escape" a chlàradh.

Ach 's e seo a' chiad uair a tha e air iomairt ùr den t-seòrsa seo a chur air bhog, 's an craoladair a' tadhal air Tràigh Ghearadha ann an Tolastadh.

Thuirt Mgr Halls: "'S e am beachd air cùl a 'Big Blue Bag' cothrom a thoirt do dhaoine airson dàta a chruinneachadh mu na cladaichean aca fhèin de na slatan-tomhais riantanach mu shlàinte nan cuantan.

"Sin meabh-phlastaigean, spruilleach air na cladaichean, fallaineachd nan èieco-siostaman agus teothachd na fairge.

"Agus 's e slatan-tomhais air leth cudromach a tha annta sin a thaobh cho fallain 's a tha na cuantan, agus cuideachd tuigse fhaighinn air treandaichean anns a' mhuir.

"Tha sin a' feuchainn ri arm a chruthachadh de 'shaoranaidh saidheansail' aig ìre nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta, ach tha e uile a' tòiseachadh an seo", thuirt e.

Magaidh Nic a' Ghobhainn
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Magaidh Nic a' Ghobhainn na stiùiriche air glanadh nan cladaichean anns an h-Eileanan Siar

Ach dè tha a' tighinn am broinn nam pocannan mòra gorm a tha seo?

Tha ceithir pìosan uidheamachd an cois gach poca, le stiùireadh a tha furasta a leantainn, airson meabh-phlastaigean, spruilleach air na cladaichean, fallaineachd nan èieco-siostaman agus teothachd na fairge a thomhas.

Thuirt Magaidh Nic a'Ghobhainn, a tha na stiùiriche air glanadh nan cladaichean anns an h-Eileanan Siar gur iad a' chiad fheadhainn a fhuair cothrom cluinntinn mun iomairt ùr seo.

"Tha e mìorbhaileach, tha iomadach spòg ris, eadar a bhith a' comharrachadh dè na h-eòin a tha timcheall, dè an sgudal a tha air an tràith agus cuideachd na meanbh-phlastaigean, agus cuideachd dè cho teth 's a tha an fhairge.

"Tha poca beag ann leis na ceithir rudan sin, agus tha mi cinnteach gun còrd e ri iomadach duine.

"Tha cuid dheth a' buntainn ris an t-seòrsa stuth a tha sinn air a bhith a' dèanamh mar bhuidhinn ron seo", thuirt i.

uisge
Fo-thiotal an deilbh,

A' tomhas teothachd an uisge

Fhuair an fheadhainn a bha an làthair air Tràigh Ghearadha an uidheamachd fheuchainn.

Thug Monty Halls stiùireadh seachad air ciamar a thathar a' tomhas teothachd na fairge do dh'òigridh.

Agus bha ceannard na companaidh HX Hurtigruten Expeditions, Gebhard Rainer, a thug taic dhan phròiseact cuideachd an làthair air taic a thoirt do na saor-thoilich.

Thuirt esan: "'S e eisimpleir air leth a tha seo air ciamar as urrainn dhuinn coimhearsnachdan a bhrosnachadh airson a dhol an sàs, ciamar as urrainn dhuinn aire a tharraing dha na ceistean a tha mur coinneamh uile agus ciamar as urrainn do na coimhearsnachdan a dhol an sàs."

Mar phàirt den pròiseact, thèid app fòn-làimhe a chur gu dol air an 7mh den Chèitean far am bidh cothrom aig daoine a tha a' gabhail pàirt am fiosrachadh acasan a chur ri stòr-dàta nàiseanta is eadar-nàiseanta.

A' toirt sùil gheur air meanbh-phlastaigean
Fo-thiotal an deilbh,

A' toirt sùil gheur air meanbh-phlastaigean