Ceann a' Ghiùthsaich is Lòbhat gus strì 'son Chupa MhicThàmhais

Sgiobairean an dà chluba, Tòmas Borthwick (Ceann a' Ghiùthsaich) agus Màrtainn Mainland (Lòbhat)
- Air fhoillseachadh
Coinnichidh Ceann a' Ghiùthsaich ri Lòbhat ann an cuairt dheireannach Chupa MhicThàmhais feasgar Disathairne is dùil ri batal mòr eile eatorra.
'S e seo a' chiad chuairt dheireannach mhòr dhen t-seusan agus tillidh e gu Pàirc a' Bhucht ann an Inbhir Nis.
Gu ruige seo, tha seusan gu tur eadar-dhealaichte air a bhith aig an dà sgioba.
Ach tha na sgiobairean cinnteach nach bi dad furasta dhaibh nuair a dh'fhalbhas a' chiad fhìdeag.
Smachd Cheann a' Ghiùthsaich
Gun teagamh sam bith, tha làmh an uachdair air a bhith aig Ceann a' Ghiùthsaich ann am farpaisean na h-iomain thairis air na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh.
Às dèidh dhaibh Grand Slam fhaighinn ann an 2022 le bhith a' buannachadh nam prìomh dhuaisean uile, rinn iad an dearbh rud an-uiridh.
Bho 2019, tha iad air ceithir tiotalan lìge a ghlèidheadh cuideachd.
Tha Ceann a' Ghiùthsaich aig mullach na lìge an-dràsta, ged nach eil e air a bhith cho furasta sin dhaibh ann an cuid de gheamaichean.
B' e geama faisg a bh' ann ann an cuairt dheireannach Chupa na Camanachd an-uiridh an aghaidh Lòbhat cuideachd.
Chaidh Lòbhat 2-1 air thoiseach ach às dèidh do Chameron Bremner Ceann a' Ghiùthsaich a chur co-ionnan, b' e an dàrna tadhal aig Dylan Borthwick às dèidh leth-ùine a thug faochadh agus toilicheas dhan luchd-taic agus an cupa fhèin air ais chun an Dell.
Tha deagh chuimhne aig sgiobair Cheann a' Ghiùthsaich, Tòmas Borthwick, air a' chuairt dheireannaich mu dheireadh an aghaidh Lòbhat
Dòigh-smuain Lòbhat
Tha Lòbhat a' suidhe san dàrna àite bhon bhonn anns a' Phrìomh Lìog an-dràsta is iad air buannachadh dìreach dà gheama a-mach à naoi.
Uair eile, tha iad air àite a chosnadh ann an cuairt dheireannach ge-tà.
A-mach às na seachd mu dheireadh a bh' ann, tha iad air an ceum mu dheireadh de Chupa na Camanachd a ruighinn còig tursan - gun gin a bhuannachadh.
Tha iad airson sin atharrachadh, a rèir an sgiobair aca, Màrtainn Mainland.
B' e Cupa na Camanachd ann an 2015 an cupa mu dheireadh a bhuannaich Lòbhat, às dèidh dhaibh Cupa MhicThàmhais a thogail ann an 2013 agus 2014
Tha Cupa MhicThàmhais air ais aig Pàirc a' Bhucht airson a' chiad uair bho 2023.
Seo air sgàth obair-leasachaidh air an stand agus ionad ùr ga thogail cuideachd taobh na pàirce.
Ùrachadh Pàirc a' Bhucht
Tha Ruari Davidson bho Chomann na Camanachd gu math toilichte gu bheil a' chuairt dheireannach a' tilleadh chun a' Bhucht
Bidh aithris air a' gheama aig sgioba Spòrs beò à Pàirc a' Bhucht air BBC Radio nan Gàidheal, am prògram a' tòiseachadh aig 3:00f.
Ron sin, bidh sùil air adhart chun a' gheama air Spòrs na Seachdain bho 09:00m.
Chìthear an geama beò cuideachd air BBC ALBA bho 4:00f.

Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh9 An t-Ògmhios 2024
- Air fhoillseachadh22 An t-Ògmhios 2022