"Chan eileir a' cosg gu leòr air Cidhe Phort Rìgh"

- Air fhoillseachadh
Chaidh fàgail air Comhairle na Gàidhealtachd nach eil na tha iad a' cosg air Cidhe Phort Rìgh a rèir na tha iad a' faighinn ann an teachd-a-steach bhuaithe, agus gu bheil an obair-càraidh a tha còir a bhith air a dhèanamh air fada air dheireadh.
Seo agus a' chomhairle a' cur roimhpe beagan is £2m a chosg air a' chidhe am-bliadhna.
Bho chionn dà bhliadhna chaidh iarrtas airson £50m bho mhaoin Levelling-Up na Rìoghachd Aonaichte airson leasachadh a dhèanamh air a' chidhe agus air a' chaladh a dhiùltadh, rud a bha na bhriseadh-dùil dhan chomhairle.
A rèir sgrùdaidh a rinnear air a' chaladh an-uiridh tha obair-càraidh riatanach luach £2.25m ri dhèanamh.
Chaidh luach £1m de dh'obair nach eil riatanach a chomharrachadh cuideachd a ghabhadh a dhèanamh aig an aon àm nam biodh am buidseat ann air a shon.
An-dràsta, ge-tà, chan eil ach £2m air a chur mu seach sa bhuidseat chalpa airson a' phròiseict.
Iain MacCarmaig a' bruidhinn ri Alasdair MacLeòid air Aithris na Maidne
Tha e na bhriseadh-dùil do dh'Iain MacCarmaig, a tha na sgiobair air bàta a bhios a' dèanamh tursan-mara a bhios a' falbh às Caladh Phort Rìgh, gur e obair-càraidh a mhàin a tha san amharc seach leasachadh.
"Tha daoine a' cosg torr airgid air a' chidhe a tha seo. Sin daoine a tha a' cumail bàtaichean aig a' chidhe 's air na 'moorings'.
"Nam bithinnsa a' cosg airgid air, uill, bhithinn toilichte gu bheil obair air choireigin a' dol air adhart, ach cha bhithinn ro thoilichte gu bheil an obair a tha iad a' moladh gur e obair a tha sin a tha còir aca a bhith a' cumail a' dol an ìre mhath a h-uile bliadhna," thuirt e.
Tha bàtaichean mòra luchd-tadhail a' tighinn gu a' chaladh a h-uile bliadhna ach a rèir Iain tha iad a' cur stad air bàtaichean bho a bhith a' faighinn gu taobh a' phontùin dhen chidhe agus ma tha muir-tràigh ann uaireanan chan eil e comasach dhan h-uile bàta fhaighinn air a' phontùn.
"Chan eil sin math gu leòr nuair a tha sinn a' feuchainn ri gnìomhachas a ruith.
"Gu dearbha fhèin tha sinn a' cur feum air barrachd phontùnaichean - agus bhiodh e math nam biodh am pontùn a tha ann an sin an-dràsta ann an staid a tha iomchaidh son na h-uimhir de dhaoine a tha ga chleachdadh," thuirt e.
Dh' iarr Iain gun deadh an t-airgead a tha a' tighinn a-steach bho bhàtaichean luchd-turais - leithid bàtaichean air a bheil e fhèin ag obair agus na soithichean mòra - a chosg air a bhith a' dèanamh leasachaidhean aig na pontùnaichean.
Thuirt an comhairliche Sgitheanach, Iain MacFhionnlaigh, gu bheileas a' coimhead air adhart le dòchas ri a bhith a' cur a' phròiseict air dòigh agus ri a bhith a' conaltradh leis a' choimhearsnachd tron bhliadhna mun chùis.