Nì CnES ùrachadh air ro-innleachd gus dèiligeadh ri dol a-mach mì-shòisealta

Nochd draghan mu dhol a-mach cuid de dh'òigridh, gu h-àraid ann an Steòrnabhagh, sna beagan mhìosan a dh'fhalbh
- Air fhoillseachadh
Nì Comhairle nan Eilean Siar ath-sgrùdadh air an ro-innleachd aca airson dèiligeadh ri cùisean de dhol a-mach mì-shòisealta agus mar a ghabhas stad a chur orra.
Chuir Bòrd Sàbhailteachd na Coimhearsnachd an taic ri aithisg Diciadain san deach mìneachadh gu bheilear a' dèanamh seo an dèidh mar a fhuair comhairlichean gearanan bho luchd-còmhnaidh mu "chasaidean agus cùisean de dhol a-mach mì-shòisealta" ann an Steòrnabhagh, agus ann an sgìrean eile de na h-eileanan.
Thairis air na beagan sheachdainnean a dh'fhalbh, tha Poileas Alba air iarraidh air a' phoball innse dhaibh nam b' aithne dhaibh càil mu chasaidean gun deach milleadh a dh'aona-ghnothach a dhèanamh air trì càraichean ann an Steòrnabhagh.
Dhearbh am feachd cuideachd gun deach dhithis bhalach a chur fo chasaid ann an co-cheangal ri cùis sa bheilear a' cumail a-mach gun deach fireannach, 70, a "dhroch leòn" sa bhaile, agus gun deach aithisg a chur gu Neach-Aithris Chloinne na h-Alba.

Nì Comhairle nan Eilean Siar ùrachadh air a' phoileasaidh aca airson dèiligeadh ri dol a-mach mì-shòisealta agus mar a ghabhas stad a chur air
Thuirt an athisg a chaidh ullachadh le Ceannard Roinn na h-Obrach Sòisealta, Jack Libby, nach deach poileasaidh na Comhairle ùrachadh ann an 12 bliadhna agus nach eil e freagarrach tuilleadh.
Aig coinneimh feasgar Diciadain dh'innis Mgr Libby do bhuill na comataidh gum feumar "èisteachd ri daoine òga airson faighinn a-mach dè am fuasgladh as èifeachdaiche a bhiodh ann".
Thuirt e gun deach goireasan mar chlubaichean òigridh a chall on bha esan a' fàs suas sa bhaile, agus on thòisich e ag obair dhan Chomhairle gun do chaill iad dithis mhaor coimhearsnachd agus co-òrdanaiche a bha a' dèiligeadh ri dol a-mach mì-shòisealta air sgàth ghearraidhean buidseit.
Thuirt Mgr Libby, "chan urrainn dhuinn cumail oirnn a' toirt rudan air falbh agus dùil a bhith againn nach bi a' bhuil air."
Cho-dhùin an aithisg aige: "Tha e follaiseach gum feumar ath-bheachdachadh air dòighean gus bacadh a chur air dol a-mach mì-shòisealta agus mar a bhios na diofar bhuidhnean a' dèiligeadh ri cùisean."
Tòisichidh an obair san t-Samhain 2024 air an ro-innleachd ùir.