Togail-fianais an aghaidh pàirce nàiseanta Loch Abair
![Gleann Fhionnain](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/2048/cpsprodpb/4fca/live/a5070070-d220-11ee-8e93-4d8074eed5d8.jpg)
- Air fhoillseachadh
Thèid fianais a thogail sa Ghearasdan Disathairne an aghaidh a' mholaidh gus Loch Abar agus na h-Eileanan Tarsainn a chur air adhart airson inbhe pàirce nàiseanta.
Air a chur air dòigh leis a' buidhinn "Lochaber National Park No More" thèid an cruinneachadh a chumail aig Ionad Nibheis sa bhaile.
Bha Loch Abair am measg 10 sgìrean a sheall ùidh ann a bhith a' sireadh inbhe Pàirce Nàiseanta nuair a dh'fhoillsich an Riaghaltas an-uiridh gun robh iad a' coimhead airson treasamh Pàirce ann an Alba.
Tha sgìrean air tachartasan a chur air dòigh bho chionn ghoirid airson beachdan dhaoine a thrusadh mus tèid iarrtas foirmeil a chur gu Riaghaltas na h-Alba.
Feumaidh iarrtasan a bhith aig Riaghaltas na h-Alba ron là mu dheireadh den mhìos a tha seo.
Tha cuid ann an Loch Abair a' faireachdainn nach eil gu leòr fiosrachaidh ann a' mìneachadh dè direach a bhiodh inbhe leithid seo a' ciallachadh.
Tha fear bhon bhuidhinn iomairt, Iain MacFhionghain, den bheachd gun cuir seo bacadh air gnothachasan agus air a' choimhearsnachd.
Tha e ag radh nach bu chòir feum a bhith air an leithid airson an taic a tha a dhìth orra san sgìre a thaobh bun-structair fhaighinn.
Agus tha dragh air mun bhuaidh a bheireadh seo air taigheadas san sgìre.
A thaobh sgìrean eile a bha a' beachdachadh air inbhe a shireadh chualas an t-seachdain seo chaidh gu bheil Beinn Uais is Gleann Afraig air tarraing a-mach à bhith a' cur iarrtais a-steach, agus thathas a' tuigsinn nach eil an t-Eilean Sgitheanach agus Ratharsair, no Afraig is Loch Nis gan cur air adhart nas motha.