Mèirle uisge-bheatha luachmhor aig Taigh-staile Thalasgair

Taigh-staile ThalasgairTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha na Poilis san Eilean Sgitheanach a' rannsachadh an dèidh mar a chaidh botail luach mu £1,600 de dh'uisge-bheatha a ghoid à Taigh-staile Thalasgair.

Thachair a' mhèirle mu 12:30f Didòmhnaich an 4mh là den Chèitean.

Thathas a' sireadh triùir fhireannach agus aon bhoireannach air a bheil coltas Àisianach.

Tha a' chiad fhear caol, mu 30, le falt dorcha goirid agus bun feusaige dorcha. Bha speuclairean dorcha air, seacaid ghoirm denim san robh lìnigeadh bàn clòimhe agus briogais dhorcha.

Tha an dàrna fear caol, cuideachd mu 30, le bun feusaige dorcha mu a smiogaid agus a bhilean. Bha ceap dorcha SuperDry, lèine-t dorcha, seacaid dhorcha agus dìons dorcha air.

Tha an treas duine caol, mu 30, le falt dorcha meadhanach fada air. Bha speuclairean le iomaill dorcha air, seacaid dhorcha le putanan agus lèine gheal foidhpe, agus briogais aotrom.

Bha am boireannach caol, mu 30, le falt fada dorcha agus dà phàidhear speuclairean oirre, seacaid dhorcha agus sgiort no dreasa dorcha agus brògan platform Converse-style.

Thathas ag iarraidh air duine sam bith le fiosrachadh bruidhinn ris na Poilis air an àireimh-fòna 101, no gun urra ri Crimestoppers air 0800 555 111 a' toirt seachad na h-àireimh PS-20250506-1260.