Tinneas Addison: "Cha robh i ann...bha i a' coimhead tromham"

Sophie
  • Air fhoillseachadh

'S e là nach dìochuimhnich Ruairidh MacGuaire agus a bhean Clair à Uibhist a chaoidh.

Air làithean-saora san Fhraing an-uiridh, dh'fhàs an nighean bheag aca Sophie gu math meadhanach.

"Dhùisg i mu dhà uair feasgar is cha robh i ann. Bha i a' coimhead tromham is cha robh i gam fhreagairt," tha Ruairidh ag ràdh.

"Chaidh mi a-null a bhruidhinn rithe is thuirt mi "Hi Sophie". Cha robh sìon ann, it was just a glaze," thuirt Clair.

"Thionndaidh mi mun cuairt dhethsan is thuirt mi "Tha sinn ga call. Tha i a' falbh. Chan eil sinn a' dol ga faighinn air ais."

Bha an teaghlach air thuras gu Disneyland Paris agus bha Sophie, a tha 10, air a bhith air a beò-ghlacadh ris an rollercoaster.

"Bha e cho spòrsail," tha Sophie fhèin ag ràdh a-nise is i a' coimhead air ais.

Ann an dealbh, tha grèim bàis aig a h-uile duine mun cuairt air na suidheachain ach tha làmhan Sophie shuas san adhar!

"Bha i rim thaobh is chan fhaca mi riamh cuideigin cho buileach air an dòigh air rollercoaster," tha Ruairidh a' cuimhneachadh.

Sophie is a bràthair aig DisneylandTùs an deilbh, Teaghlach MacGuaire
Fo-thiotal an deilbh,

Sophie is a bràthair Alfie aig Disneyland

Cha d' fhuair Sophie air an rollercoaster ach an aon turas ge-tà. Thug e an diog aiste agus an ceann là na dhà, 's ann a bha dùil aig a pàrantan gun robh iad ga call.

Fhuair i cobhair bho luchd-meidigeach gu sgiobalta aig an taigh-òsta an toiseach mus deach a gluasad gu ospadal chloinne Pharis.

An ceann 24 uairean a thìde bhathar a' beachdachadh gun e Addison's Disease, Adrenal insufficiency, a bh' air Sophie.

'S e dà ghland os cionn nan dubhagan nach eil comasach air na hormones cortisol agus aldosterone a chruthachadh, a th' anns an tinneas.

Tha làrach-lìn an NHS, taobh a-muigh ag innse gu bheil e nas cumanta am measg dhaoine eadar 30 is 50, ach gum faodadh e bualadh air daoine aig aois sam bith.

Tha iad ag innse gu bheil e air mu 9000 duine san Rìoghachd Aonaichte.

Nuair a choimheadas pàrantan Sophie air ais, thòisich comharran air nochdadh grèis ron èiginn a thachair ann am Paris.

"Bha i gu math bochd deich mìosan ron sin is bha aice air falbh air ambaileans adhair a Ghlaschu," tha Clair ag ràdh.

"Bha i a' cur a-mach is bha i feumach air drip nach robh aca ann am Beinn na Faoghla no Steòrnabhagh.

"Cha robh i ceart airson na bliadhna às dèidh sin."

SophieTùs an deilbh, Teaghlach MacGuaire

Bha i air ais san ospadal san Lùnastal.

Agus 's e sin an duilgheadas le Tinneas Addison, tha e doirbh a dhearbhadh.

'S dòcha nach fhaic dotair ach aona chùis nan dreuchd. Agus mura tèid dearbhadh fhaighinn gu sgiobalta, dh'fhaodadh duine am bàs fhaighinn.

Air a' cheann thall thill Sophie dhan sgoil trì mìosan an dèidh tilleadh dhachaigh.

"Cha b' urrainn dhomh dad a dhèanamh oir bha mi a-mach is a-steach às an ospadal, "tha Sophie ag ràdh.

"Ach a-nise chan eil mi a' dol dhan ospadal."

Chaidh plana cùraim a chur air dòigh dhi ro làimh leis a' bhanaltram airson taic a bharrachd, Donna Mhoireach.

"Dh'èist sinn ri Sophie agus a pàrantan gus na taicean ceart a chur an sàs.

"Rinn sinn cinnteach gum faodadh Sophie làn pàirt a ghabhail ann am beatha na sgoile dìreach mar a tha a h-uile duine eile."

Skateboard

Agus tha a h-athair a' faicinn gu bheil a' dol gu math dhi.

"Tha diofar mòr ann bhon a fhuair sinn a-mach dè th' ann. Gu follaiseach bha na h-ìrean ìosal a' toirt buaidh air a h-uile sìon."

Gu nàdarra, tha Sophie ri spòrs a h-uile mionaid a th' aice.

Sheall i dhomh fhìn na sgilean aice air a skateboard, agus i fhèin is a brathair Alfie a' cluich ball-basgaid.

Bha i a-riàmh mar sin, a rèir Clair.

"Tha i spòrsail is chan eil eagal sam bith oirre a bhith a' sreap nan creagan is nan craobhan fad an t-siubhail."

Tha a h-uile sìon a tha seo ùr dhan teaghlach agus tha iad air taic fhaighinn bhon chathrannas Buidheann Cuideachaidh Tinneas Addison.

Tha seo cudromach is feum aig Sophie air cungaidhean-leigheis glè thric is feum aig an teaghlach air a tha h-uile dad a chumail faisg air làimh an-còmhnaidh.

Sophie is a pàrantan

Thàinig cothrom às a seo cuideachd do Sophie coinneachadh ri feadhainn eile air a bheil an tinneas.

"Bha e cho math 'son Sophie, gum faca i gu bheil daoine eile a-muigh an sin le Addison's," thuirt a h-athair.

"Cha robh for aice fhèin mu dheidhinn is cha robh ann ach Sophie is Addison's ach thàinig i air ais is tuigse aice gu bheil daoine eile ann, gu bheil iad a' tighinn beò leis, is gu bheil iad taghta."

"Bha ollamh ann is thuirt e gur mi an neach as òige ris an do thachair e riamh," tha Sophie fhèin ag ràdh.

Dòchas ma-thà, an dèidh còrr air bliadhna gu math doirbh.

Tha Seonag Dhòmhnallach, seanmhair Sophie, a' faicinn gu bheil i nas coltaiche leatha fhèin a-rithist.

"Tha diofar mòr innte a h-uile là. Tha i fhìn cho gaolach co-dhiù, nuair a thig i a-staigh bidh i daonnan a' toirt dhut cuddles mus falbh i.

"'S e nighean ghaolach, laghach a th' innte."

Sophie a' cluich ball-basgaid