Cianalas 's Dòchas: Sgeulachdan mu Eilthireachd

Daoine a dh'fhalbh air an SS Marloch Tùs an deilbh, Getty Images/Hulton Archive
Fo-thiotal an deilbh,

Daoine a' falbh air an SS Marloch à Loch Baghasdail ann an 1923

  • Air fhoillseachadh

Fosglaidh taisbeanadh ùr ann an Taigh-tasgaidh nan Eilean ann an Lìonacleit oidhche Haoine a tha ag innse sgeulachd nan daoine a dh'fhalbh às na h-eileanan bhon 18mh linn chun an là an-diugh.

Ann an Cianalas 's Dòchas: Sgeulachdan mu Eilthireachd chìthear rudan bho chruinneachaidhean ionadail agus nàiseanta.

Am measg iad sin bidh an dealbh ainmeil, Lochaber No More, a thàinig bho Bhunait Ealain Fleming Wyfold ann an Lunnainn, agus a bhios air a shealltainn ann an Uibhist airson a' chiad uair.

Tha stuth aca cuideachd air iasad bhon chruinneachadh Aimeireaga aig Taighean-Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba

Stuth ann an Taisbeanadh mu eilthearachd
Fo-thiotal an deilbh,

Tha miotag air a dèanamh à bian mathain-bàn am measg na bhios air an taisbeanadh

Tha oifigear leasachaidh an taigh-tasgaidh, Caitriona NicCuithis, ag ràdh gu bheil iad a' feuchainn ri sgeulachd nan eilthearach innse tro na linntean.

Thuirt i: "Na ciad dhaoine tha fios againn a dh'fhalbh às na h-eileanan nuair a dh'fhalbh daoine à Uibhist a Deas agus à Barraigh air an Alexander ann an 1772, agus tha sinn ga thoirt an uairsin suas gu daoine a dh'fhalbh 20 bliadhna air ais."

Tha iad cuideachd ag innse sgeulachd dhaibhsan a dh'fhàg Leòdhas agus na Hearadh airson beatha ùr thar a' chuain.

Am meadhan an 19mh linn dh'fhalbh daoine air an Hercules a dh'Astràilia cuideachd. Bha 750 daoine à Uibhist, an t-Eilean Sgitheanach agus na Hearadh air bòrd.

Thuirt Caitriona: "Na b' anmoiche na sin bha daoine a dh'fhalbh a Chanada, a Dhetroit agus a-null far an robh Bàgh Hudson

"Tha sgeulachd ann cuideachd mu chuideigin a dh'fhalbh a dh'Afraga a Deas. Mar sin, air feadh an t-saoghail."

Caitriona NicCuithis
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Caitriona NicCuithis ag ràdh gu bheil iad a' feuchainn ri sgeulachd na h-eilthearachd innse tro na linntean

Tha i ag ràdh gu bheil iad a' coimhead air daoine a dh'fhalbh air an toil fhèin agus an fheadhainn a b' fheudar falbh an dèidh dhaibh a bhith air an cur às an dachaighean.

"Bha tòrr ann an toiseach agus cha robh mòran chothroman aca ann an seo agus bha na h-uachdarain gan sguabadh air falbh.

"Ach bha daoine eile ann na b' anmoiche agus bha iad ag iarraidh faicinn dè na cothroman eile a bh' ann, agus bha daoine eile agus bha iad dìreach ag iarraidh beatha eile fheuchainn."

Tha iad a' feuchainn ri bhith a' coimhead air an sgeulachdan air nach eil daoine cho eòlach cuideachd.

"Tha sinn a' coimhead air na daoine a dh'fhalbh gu Bàgh Hudson agus a bha ag obair aig gnìomhachas a' bhèin agus a chaidh dha na mèinnean.

"Tha sinn cuideachd a' coimhead air a' bhuaidh a bh' aig eilthireachd air na tùsanaich sna dùthchannan sin oir 's e sin pàirt den sgeulachd nach eil 's dòcha air innse cho tric ann an seo," mhìnich i.

Bidh an taisbeanadh seo ri fhaicinn gu deireadh na Samhna.