Cothrom cluich air prìomh àrd-urlar Bhelladrum

Camshron Fearghasdan, a bhuannaich an fharpais an-uiridh
Fo-thiotal an deilbh,

'S e Camshron Feargasdan a bhuannaich an fharpais an-uiridh

  • Air fhoillseachadh

Tha cothrom ga thoirt do neach-ciùil no còmhlan-ciùil cluich air prìomh àrd-ùrlar Bhelladrum am-bliadhna.

Coltach ris an-uiridh tha BBC ALBA agus luchd-stiùiridh na fèis air a thighinn còmhla airson an fharpais a chur air dòigh.

A thuilleadh air a' chothrom an fhèis fhosgladh gheibh ge bith cò bhuannaicheas an cothrom cuideachd seisean a chlàradh le BBC ALBA sa stiùideo aca aig an fhèis.

Thèid aig seinneadairean agus luchd-ciùil bhon Ghàidhealtachd sna h-Eileanan, a tha leotha fhèin no ann an còmhlan, cur a-steach air a son.

Ma 's e còmhlan a th' ann feumaidh seòladh sa Ghàidhealtachd no sna h-eileanan a bhith ag co-dhiù dàrna leth nam ball.

Chan eil e gu diofar dè an stoidhle ciùil a th' aca.

'S urrainn do luchd-ciùil cur a-steach air a son le a bhith a' cur tagradh le fiosrachadh mun deidhinn fhèin agus ceangal chun a' chiùil aca gu tartanheart@bbc.co.uk.

Dougie Brown, riochdaire Belladrum
Fo-thiotal an deilbh,

A rèir riochdaire Bhelladrum, Dougie Brown, dh'fhaodadh ge bith cò bhuannaicheas cothroman a bharrachd fhaighinn ri linn a bhith air an àrd-ùrlar.

Thèid na tagraidhean a sgrùdadh le panal de dh'eòlaichean, le riochdairean bhon BhBC agus Belladrum agus neach-ciùil neo-eisimeileach, mus tèid geàrr-chunntas fhoillseachadh.

Gheibh am poball cothrom bhòtadh an uairsin.

Bidh cothrom ann tagraidhean a chur a-steach suas gu an 8mh den Ògmhìos.

Tha dùil gum bi cothrom aig a' phoball bhòtadh air làrach-lìn Bhelladrum , taobh a-muigheadar an 13mh - 20mh den Ògmhìos.

Bidh an fhèis fhèin ann eadar an 31mh den Iuchar agus an 2na den Lùnastal.

Thuirt riochdaire na fèis, Dougie Brown: "Chan e cothrom cluich a-mhàin a tha seo.

"Dh'fhaodadh e cothroman a bharrachd a thoirt do neach-ciùil san àm ri teachd.

"Thar nam bliadhnaichean mu dheireadh chunnaic sinn daoine tàlantach a' dèanamh adhartais agus gu math tric thòisich sin air àrd-ùrlar Bhelladrum.

Camshron Fearghasdan, a bhuannaich an fharpais an-uiridh air an-àrd-ùrlar
Fo-thiotal an deilbh,

Camshron Feargasdan air an àrd-ùrlar an-uiridh

Bha Camshron Fearghasdan air a dhòigh an fharpais a bhuannachadh an-uiridh.

Tha e ag ràdh nach robh e a-riamh cho moiteil a thaobh a' chiùil 's a bha e air an àrd-ùrlar.

"Bha e 'surreal' a bhith air an àrd-ùrlar - àrd-ùrlar a bha mi gu mòr airson a bhith air, agus cho faisg air an dachaigh agam cuideachd.

"Taing Belladrum. Dh'fhosgail sibh tòrr dhorsan dhomhsa agus dhan chòmhlan. Bidh sinn air ais ann an ùine nach bi fada," thuirt e.

Am measg na bhios aig an fhèis am-bliadhna tha Texas, Supergrass, Paul Heaton, Tom Walker agus Natasha Bedingfield.

Bidh leithid The Pigeon Detectives, Example, The Hoosiers, an seinneadair Èireannach CMAT, Skippinnish agus Tide Lines an làthair cuideachd.

Bidh cothrom aig daoine nach urrainn a bhith ann an fhèis a choimhead ann an comhfhurtachd na dachaighean aca fhèin agus BBC ALBA a' craoladh beò fad an deireadh-sheachdain.

Gheibhear na programman cuideachd air iPlayer a' BhBC.