Fèill air bhideothan TikTok Gàidhlig à Borneo

Kaz, aig a bheil an cunntas TikTok "Kaz-Gàidhlig Lover"Tùs an deilbh, Kaz
  • Air fhoillseachadh

Le barrachd ghoireasan ri fhaighinn air loidhne airson Gàidhlig ionnsachadh tha daoine à iomadh ceàrnaidh dhen t-saoghal a' dèanamh oidhirp an cànan a thogail.

'S i Kaz tè dhiubh. Sìneach a th' innte. Rugadh agus thogadh i ann am Malaisia an Ear ann am Borneo.

Thòisich i ag ionnsachadh na Gàidhlig an-uiridh agus a' cur bhideothan air TikTok gus aire a thoirt dhan chànan agus ceanglaichean a dhèanamh le luchd-ionnsachaidh eile air feadh an t-saoghail.

Agus tha fèill air na bhideothan aice agus na mìltean mòra air an coimhead thuige seo.

Cha ghabh am post TikTok seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.Faicibh stuth tùsail air TikTok
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh. Dh’fhaodadh sanasan a bhith an lùib stuth TikTok.
Leum thairis air bhideo tiktok le Kaz-Gàidhlig Lover

Cead do stuth TikTok?

Tha stuth TikTok an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson poileasaidh nam briosgaidean aca a leughadh, taobh a-muigh a leughadh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh. Dh’fhaodadh sanasan a bhith an lùib stuth TikTok.
Deireadh bhideo tiktok le Kaz-Gàidhlig Lover

'S e Duolingo a tharraing a h-aire chun na Gàidhlig sa chiad àite.

Chunnaic i gun robh i am measg nan cànanan a bha ri fhaighinn air a' ghoireas ionnsachaidh agus thòisich i a' dèanamh beagan rannsachaidh: "Tha a' Ghàidhlig ann an cunnart a dhol à bith, a rèir UNESCO.

"Chan e Albannach no Gàidheal a th' annam. Tha mi ag iarraidh a bhith a' bruidhinn Gàidhlig gu bràth. Suas leis a' Ghàidhlig!"

A thuilleadh air a bhith a' cleachdadh Duolingo tha Kaz cuideachd a' cleachdadh SpeakGaelic agus LearnGaelic airson a cuid Gàidhlig a thoirt air adhart.

"Bidh mi ag èisteachd ri SpeakGaelic air BBC Sounds agus a' coimhead "Dhan Uisge" agus "Fuine" air YouTube.

Agus tha na tha ise a' cur air loidhne a-nis a' faighinn aire.

Chruthaich i cunntas TikTok gu sònraichte airson bhideothan Gàidhlig a chur an-àirde.

Tha faisg air 3,000 duine ga leantainn agus mòran a bharrachd air leigeil fhaicinn gu bheil na bhideothan aice a' còrdadh riutha.

Kaz, aig a bheil an cunntas TikTok "Kaz-Gàidhlig Lover"Tùs an deilbh, Kaz

Coltach ri iomadh neach-ionnsachaidh, agus neach-fileanta cuideachd, tha gràmar na dhùbhlan dhi.

"Bidh mi a' faighneachd dhomh fhìn, a bheil agam ri seo a shèimheachadh? Dè an tuiseal a dh'fheumas a bhith air a shèimheachadh?

"Feumaidh mi cuideachd cuimhneachadh an ann fireann no boireann a tha facal. Feumaidh mi Gàidhlig a bhruidhinn a h-uile là!

"Chan eil e uair sam bith ro anmoch Gàidhlig ionnsachadh.

"Tha e ceart gu leòr Gàidhlig bhriste a bhruidhinn fhad 's gun cum sinn beò i," thuirt i.

Cha ghabh am post TikTok seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.Faicibh stuth tùsail air TikTok
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh. Dh’fhaodadh sanasan a bhith an lùib stuth TikTok.
Leum thairis air bhideo tiktok 2 le Kaz-Gàidhlig Lover

Cead do stuth TikTok?

Tha stuth TikTok an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson poileasaidh nam briosgaidean aca a leughadh, taobh a-muigh a leughadh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh. Dh’fhaodadh sanasan a bhith an lùib stuth TikTok.
Deireadh bhideo tiktok 2 le Kaz-Gàidhlig Lover

Tha Joy Dunlop, tè de phreasantairean SpeakGaelic, am measg na tha eòlach air bhideothan Kaz.

"Tha mi air bhideothan Kaz fhaicinn agus tha e mìorbhaileach mar a tha i a' dèanamh oidhirp air a' Ghàidhlig. Tha i fìor, fìor mhath agus tha i a' feuchainn ri bruidhinn air iomadh cuspair.

"Saoilidh mi cuideachd gu bheil e a' dearbhadh cho làidir 's a tha ar coimhearsnachd air loidhne agus cho cruinneil 's a tha ar coimhearsnachd Ghàidhlig san fharsaingeachd.

"Tha mise gu mòr a' creidsinn gu bheil sinn a' cur feum air gach duine a chleachdas a' Ghàidhlig agus nach eil e gu diofar cò às a tha thu, gu bheil àite ann an saoghal na Gàidhlig dhut agus tha ise a' dearbhadh sin cho follaiseach.

"Agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil e a' leigeil fhaicinn nach leig thu leas a bhith a' buntainn ris an dùthaich seo 'son a bhith mar phàirt dhen teaghlach againn," thuirt i.

Cha robh Kaz a-riamh ann an Alba - ach bu mhiann leatha tadhal air an dùthaich uaireigin.

Tha i ag amas air a bhith fileanta mus dèan i sin.

A rèir na tha sinn a' faicinn anns na bhideothan aice, chan eil càil a dh'fhios nach fhaic sinn Kaz ann an Alba a dh'aithghearr.

Kaz, aig a bheil an cunntas TikTok "Kaz-Gàidhlig Lover"Tùs an deilbh, Kaz