Cha bhi trèanaichean san fhìor Cheann a Tuath pàirt den Ògmhios

'S e busaichean seach trèanaichean a bhios a' toirt luchd-siubhail gu ruige Inbhir Theòrsa fhad 's a tha an obair leasachaidh ga dèanamh
- Air fhoillseachadh
Thathar a' comhairleachadh do luchd-siubhail planaichean eile a chur air dòigh dhaibh fhèin agus dùil gum bi an loidhne-rèile eadar Inbhir Pheofharain agus fìor cheann a tuath Chataibh dùinte cha mhòr fad an Ògmhios air fad.
Nì Network Rail leasachadh luach £11.5m air an loidhne a tha a' ceangal Inbhir Nis, Inbhir Ùige agus Inbhir Theòrsa.
Bidh iad ag ath-uidheamachadh pàirt den loidhne agus bidh pìosan eile dhith air an ùrachadh.
Cha bhi trèanaichean a' ruith tuath air Inbhir Pheofharain bho Là na Sàbaid an 8mh den Ògmhios gu Diluain an 30mh den Ògmhios, le busaichean a' dol nan àite.

Cha bhi trèanaichean a' ruith tuath air Inbhir Pheofharain airson trì seachdainean san Ògmhios
Thuirt a' chompanaidh-rèile gum biodh an obair a' fàgail gun gabhadh barrachd earbsa cur ann an seirbheisan trèana ann an ceann a tuath na h-Alba san ùine fhada.
"Bidh an t-in-ionmhas seo a' toirt beatha ùr do thè de na slighean as bòidhche agus as eachdraidheile ann an Alba," thuirt Ross Moran, Stiùiriche Shlighean Network Rail.
"Le bhith ag ùrachadh a' bhunstructair - pìosan dheth a tha faisg air 100 bliadhna a dh'aois - fàgaidh sin gum bi tursan nas sàbhailte, nas cofhurtaile agus nas earbsaiche," thuirt e.

Cha bhi buaidh air seirbheisean eadar Inbhir Nis agus Caol Loch Aillse
Mar phàirt den phròiseact, bidh earrann còig mìle a dh'fhaid den loidhne eadar Brùra agus Bun Ilidh air a leasachadh, agus thèid loidhne gu tur ùr a chur air pìos 9 mìle de dh'fhaid eadar Inbhir Ghòrdain agus a' Mhanachainn Rois.
Thuirt ScotRail gu bheil iad airson dèanamh cinnteach gum faigh daoine air siubhal fhathast fhad 's a leanas an obair.
Cha bhi buaidh air seirbheisean eadar Inbhir Nis agus Caol Loch Aillse.
Bidh àireamh nas lugha de sheirbheisean ann eadar Inbhir Nis agus Inbhir Pheofharain.
Bidh busaichean ann an àite nan trèanaichean agus Inbhir Ùige agus Inbhir Theòrsa, a' stad aig na stèiseanan air an t-slighe, nam measg Inbhir Ghòrdain, Baile Dhubhthaich, Àird Ghaoithe agus Luirg.
Cha bhi, ge-tà, busaichean a' dol gu stèiseanan Allt nam Breac neo Caladal nan Gall air sgàth dhuilgheadasan inntrigidh.