UHI a' gabhail pàirt ann am pròiseact mòr Eòrpach mu mhion-chànanan

An t-Oll. Conchúr Ó GiollagáinTùs an deilbh, UHI
  • Air fhoillseachadh

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean air a dhol an sàs ann am pròiseact ùr Eòrpach airson mion-chànanan agus cànanan imrichean a ghlèidheadh.

Tha FOSTERLANG ag amas air cànanan beaga na Roinn Eòrpa "a dhìon agus adhartachadh".

Tha am pròiseact air a mhaoineachadh leis a' Choimisean Eòrpach, agus tha 14 compàirtichean acadaimigeach nam pàirt dheth, a thuilleadh air 48 coimhearsnachd cànain.

"Tha ar compàirteachas ann am FOSTERLANG a' nochdadh dealas fad-ùineach UHI airson beairteas cànanach ar coimhearsnachdan a ghleidheadh is adhartachadh," thuirt an t-Oll. Conchúr Ó Giollagáin, Stiùiriche Institiud Rannsachaidh Cànain UHI.

"Tha am pròiseact seo a' toirt cothrom dhuinn cur gu susbainteach ri oidhirpean nas fharsainge san Roinn Eòrpa gus taic a thoirt do chànanan beaga is ann an cunnart."

Air a' cheann thall tha am pròiseact ag amas air "Mapa-rathaid Calpa Chànain" a chruthachadh a chuireas an cèill sreath de mholaidhean airson ro-innleachdan airson mion-chànanan a dhìon san àm ri teachd.