Cha bhi casg tuilleadh air stòbhaichean fiodha an taighean ùra

Pìos fiodha ga chur ann an stòbhaTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' cur às gu tur do chasg air stòbhaichean a tha a' losgadh fiodha no mòine ann an taighean agus togalaichean ùra.

Chuir ministearan Nàiseantach casg an gnìomh sa Ghiblean - fhad 's a bha iad fhathast ann an co-bhanntachd riaghlaidh le Uainich na h-Alba - air siostaman teasachaidh às an tig eimiseanan, goileadairean gas is ola nam measg, ann an dachaighean agus togalaichean ùra.

Chaidh sin a thogail rè ùine san t-Sultain leis gun robh dragh ann mun bhuaidh air sgìrean dùthchail.

Tha an Riaghaltas air na riaghailtean atharrachadh, taobh a-muigh agus bidh cead aig daoine fiodha no mòine a losgadh ann an stòbhaichean agus siostaman teasachaidh eile.

Tha casg fhathast air ola agus gas mains mar phrìomh chonnadh.

Tùs an deilbh, Getty Images

Bha an Riaghaltas airson toirt air luchd-togail siostaman teasachaidh nas glaine a chur an sàs airson truailleadh adhair a lùghdachadh agus dèiligeadh ri atharrachadh na h-aimsire.

Thuirt Ministear Atharrachadh na Gnàth-Shìde, Alasdair Allan, gun do dh'èist an Riaghaltas ri na draghan a nochd daoine "mu sheasmachd an dealain nuair a tha droch shìde ann".

Thuirt Mgr Allan: "Tha na h-atharrachaidhean seo ag aithneachadh nan draghan seo ach a' cumail ri amas an reachdais aig a' cheart àm airson goileadairean gas is ola a chasg bho thaighean agus togalaichean ùra."

Thuirt am ministear gu bheil na riaghailtean ùra air leth cudromach ann an bhith a' lùghdachadh na tha de dh'eimiseanan a thig à togalaichean ùra, agus gun "dèan e cinnteach gum biodh Alba nas uaine agus nas glaine san àm ri teachd".