Deic mezzanine an Hebrides a-mach à seirbheis

- Air fhoillseachadh
Dh'innis CalMac gun deach deic mezzanine an MV Hebrides a thoirt a-mach à seirbheis às dèidh dhaibh trioblaid a lorg leatha.
A rèir làrach-lìn ChalMac bidh co-dhiù an 14mh den t-Sultain ann mus tèid an deic a chàradh.
Tha seo a' ciallachadh nach bi e comasach dhan aiseag uiread de charbadan a thoirt leatha.
Thuirt CalMac gun cur iad fios air an luchd-siubhail air an toir seo buaidh.
Dh'innis iad cuideachd gun toir iad barrachd fiosrachaidh seachad an ath-sheachdain a thaobh cuin a tha iad an dòchas am mezzanine a thilleadh gu seirbheis.
Bidh an MV Hebrides a' ruith air an t-slighe eadar Ùige, An Tairbeart agus Loch nam Madadh.