Rannsachadh poilis às dèidh teine an Inbhir Nis

Fo-thiotal a’ bhidio,

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm mu mheadhan oidhche Disathairne

  • Air fhoillseachadh

Tha na poilis air tagradh a dhèanamh 'son fiosrachaidh às dèidh mar a chaidh togalach ann an Inbhir Nis a chur na theine a dh'aona-ghnothach.

Chuireadh brath do na seirbheisean èiginn mu mheadhan oidhche Shathairne gun robh togalach na theine aig Ionad Ghnothachais Fairways.

Thuirt na poilis gun deach càr Skoda Octavia a dhraibheadh a-steach dhan togalach.

Chaidh teine a chur ris a' chàr agus ris an togalach anns an robh grunn ghnothachasan stèidhichte agus chaidh sgrios mòr a dhèanamh.

Tha na poilis a' rannsachadh na cùise, 's iad an dùil gun deach an teine a thòiseachadh a dh'aona-ghnothach.

Dhearbh Poileas Alba nach deach duine sam bith a ghoirteachadh.

Chunnaiceas fireannach ann an aodach dorcha agus air an robh balaclava a' ruith air falbh bhon làraich gu ruige Slighe Sir Walter Scott.

Sgrios às dèidh teine aig Pàirc Ghnothachais FairwaysTùs an deilbh, George Finlayson

Tha oifigearan airson bruidhinn ri duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mun tachartas agus tha iad gu sònraichte airson bruidhinn ri feadhainn a bha ann am pick-up geal a thathar ag aithris a bha san sgìre aig an àm.

Thuirt an Det. Inspector Crìsdean MacLeòid: "'S e dol a-mach cunnartach a bha seo agus tha e riatanach gum faigh sinn lorg air ge bith cò a bu choireach.

"Tha rannsachadh farsaing ga chumail agus tha sinn air tagradh a dhèanamh airson fiosrachadh fhaighinn bho dhuine sam bith a bha san sgìre aig an àm.

"Bu mhath leam cuideachd iarraidh air daoine fios a chur thugainn nan robh iad air fear seach fear de na carbadan sin a bha san sgìre aig an àm fhaicinn", thuirt e,

Thuirt an Comh. Ken Gowans: "Gu taingeil, cha deach duine a ghoirteachadh anns an teine uabhasach seo.

"Feumaidh sinn taing mhòr a thoirt do na seirbheisean eìginn, a fhreagair an gairm seo gu luath agus gu proifeiseanta mar as àbhaist, a' dèanamh cinnteach gun deach smachd a chumail air an teine agus a' cumail ar coimhearsnachdan sàbhailte nuair a tha cunnart mòr mun coinneamh fhèin", thuirt an Comh. Gowans.