"Tha e a' cur iongnadh mòr orm gun tug e 20 bliadhna reachdas ùr a thoirt air adhart"

- Air fhoillseachadh
Tha fear de dh'ailtirean Achd na Gàidhlig ag ràdh gu bheil e a' cur iongnadh mòr air gun tug e 20 bliadhna Bile ùr a thoirt air adhart gus an reachdas a neartachadh.
Bha an t-Oll. Dòmhnall Meek na chathraiche air buidheann coimhearlachaidh an Riaghaltais air a' Ghàidhlig (MAGOG), a choitich airson agus a dhealbhaich bile Gàidhlig, mus deach buill de Phàrlamaid na h-Alba an sàs ann.
Thuirt e, ged a tha a' Ghàidhlig ann an suidheachadh nas làidire an-diugh airson bun-stèidh reachdail a bhith aice, gun do chuir laigsean bunaiteach san Achd ris an do chuir ministearan taic ann an 2005 bacadh air na b' urrainn dha a choileanadh.
Tha e ag ràdh gum b' e "eagal" am measg luchd-poileataigs a bh' air cùl a' cho-dhùnaidh spèis cho-ionnan seach èifeachd (validity) cho-ionnan a thoirt dhan Ghàidhlig leis a' Bheurla.
Tha e cuideachd a' coireachadh sin airson mar a chaidh còir laghail airson foghlaim Ghàidhlig fhàgail a-mach - rud a bha e fhèin air a chur sa chiad tionndadh dheth.
Bha an t-Oll. Meek a' bruidhinn agus 20 bliadhna ga chomharrachadh air a' mhìos seo bho chaidh Achd na Gàidhlig na lagh.
Sgiobair air MAGOG
B' ann an 2000 a chaidh e na chathraiche air buidheann coimhearlachaidh an riaghaltais, naidheachd a thàinig thuige ann an dòigh car annasach.
"Thill mise à Los Angeles anns an Dùbhlachd 2000, agus chuir mi air an rèidio ann an Oilthigh Obar Dheathain, anns an oifis agam fhèin," thuirt e.
"Agus chuala mi gun robh Dòmhnall Meek a' dol a bhith os cionn buidheann comhairleachaidh an Riaghaltais air a' Ghàidhlig."
Còmhla ris air a' bhuidhinn sin, bha Jò NicDhòmhnaill, Dòmhnall MacAoidh, Coinneach MacFhionghain, agus mar rùnaire, Ailean Caimbeul.
Bha a' bhuidheann sin a' putadh airson reachdas bhon chiad dol a-mach.
"Bha sinn anabarrach soilleir nar n-inntinn fhèin dè bha sinn ag iarraidh," thuirt e.
"Bha sinn airson bòrd a bhith ann a bhiodh a' neartachadh na Gàidhlig.
"Bha sinn airson tuilleadh maoineachaidh a bhith ann do na buidhnean.
"Agus na b' urrainn dhaibh idir bha sinn ag iarraidh achd Gàidhlig, a neartaicheadh a' Ghàidhlig fhèin agus obair a' bhùird.
"Nise, cha robh mise a' smaoineachadh gun robh an Riaghaltas gu h-onorach uabhasach taiceil aig an toiseach.
"Bha iad mar gum biodh iad a' faicinn MAGOG mar dhòigh air cùisean a lùghdachadh - ach bha sinne an rathad eile. Bha sinn airson gum biodh cùisean na Gàidhlig air an leudachadh, 's air am meudachadh 's air an daingneachadh."

Dh'atharraich cùisean ann an 2003 nuair a thàinig gealltanas ann am manifesto nan Làbarach.
Ach bha coiteachadh agus obair ri dhèanamh fhathast gus bile freagarrach, a dh'fhaodadh a bhith èifeachdach, a dhealbhachadh.
"Bha sinn a' faireachdainn gum feumamaid a dhèanamh na cheumannan, agus nach b' urrainn dhuinn gluasad gu reachd ann an aon leum," thuirt Dòmhnall.
"'S bheachdaich sinn, nan cuireamaid air adhart bòrd Gàidhlig, gum feumamaid an uair sin achd Gàidhlig a stèidheachadh a bheireadh cumhachd is ùghdarras don bhòrd.
"Agus aig an aon àm, a thogadh inbhe na Gàidhlig ann an Albainn.
"Sin mar a rinn sinn an obair. Beag air bheag.

B' e Alasdair Moireasdan Ministear na Gàidhlig nuair a thòisich MAGOG
Bha ministearan ag atharrachadh fhad 's a bha obair na buidhne a' leantainn.
"An toiseach bha Alasdair Moireasdan againn agus 's e Gàidheal o dhùthchas a bha sin.
"'S an uair sin bha Mike Watson againn 's cha robh facal Gàidhlig aige.
"Agus an uair sin thàinig Peter Peacock air an robh a' mhòr-chuid eòlach, ri obair ann an Inbhir Nis.
"Cha robh duine eòlach air Mike Watson.
"Ach feumaidh mi a ràdh gu h-onorach gun robh iad anabarrach taiceil.
"Nuair a thàinig Mike Watson, fhuair sinn fìor dheagh shealladh air an t-slighe a bh' air thoiseach oirnn, agus dh'fhosgail an doras gu achd Gàidhlig le Mike aig an stiùir."
"Oidhche mhòr an dòchais"
Anmoch ann an 2002, chuir an t-Oll. Meek a' chiad tionndadh den reachdas sìos air pàipear.
"Shuidh mi aon oidhche anns an taigh againn ann an Westhill an Obar Dheathain agus chuir mi sìos na prionnsabalan airson achd Gàidhlig," thuirt e.
"Agus gus an là an-diugh bidh mi a' smaoineachadh air an oidhche a bha sin. Oidhche mhòr an dòchais, gun tigeadh achd gu buil air dhòigh air choireigin.
"Tha cuimhne agam, thàinig Rhoda mo nighean a-staigh. Bha mi ag obair 's dòcha mu mheadhan-oidhche, 's thuirt i 'dè tha thu a' dèanamh a-niste?'
"'Oh, tha mi,' arsa mise, 'a' sgrìobhadh achd Gàidhlig don Phàrlamaid'."
Ged a bha e a' faireachdainn uallaich, tha e ag ràdh nach robh e duilich na prionnsabalan a bha e fhèin airson faicinn ann an Achd a chur an cèill.
"Bha mise riamh a' beachdachadh gum bu chòir inbhe oifigeil a bhith aig a' Ghàidhlig ann an Albainn," thuirt Dòmhnall.
"Cha robh teagamh nam inntinn riamh. Agus a' Bheurla-Ghallda - Scots - cuideachd.
"Ach nuair a bha thu a' cur sin air pàipear, eil fhios agad, bha e a' toirt smuaint ort ceart gu leòr.
"Agus chuir mi sìos na prionnsabalan, agus gus an là an-diugh bidh iad a' tighinn thugam - bha sinn a' beachdachadh air a' Ghàidhlig mar rud do dh'Albainn air fad.
"'S gum biodh còir, is cead, aig daoine a bha ag iarraidh foghlaim tron Ghàidhlig ann an Albainn - ann an Dùn Phris no shìos mu na Crìochan àiteigin - gum faodadh iad sin fhaighinn."
Spèis cho-ionnan
Bha achd cudromach air a thighinn a-steach airson na Cuimris ann an 1993 agus bha an eisimpleir sin cudromach do na bha sgioba MAGOG a' feuchainn ri a dhèanamh.
Tha an t-Oll. Meek ag ràdh gun tug sin misneachd agus spionnadh dhaibh, ged a bha suidheachaidhean eadar-dhealaichte eadar an dà dhùthaich.
"Tha mise a' smaoineachadh chun an là an-diugh gun robh a' Chuimrigh car aon-fhillte seach mar a bha sinne," thuirt e.
"Bha iomadh taobh air dualchas na h-Alba agus cha robh e idir cho sgiobalta no cho cruinn còmhla.
"Ach aig an aon àm, bha na h-eisimpleirean ann agus lean sinn iad."

Thug reachdas a thàinig ann an 1993 èifeachd cho-ionnan dhan Chuimris leis a' Bheurla
Ach cha deach Achd na Gàidhlig cho fada ri Achd na Cuimris. Bha eadar-dhealachadh cudromach san t-seòrsa co-ionnanachd a chaidh a chur an cèill eadar na cànanan agus a' Bheurla.
Anns a' Chuimrigh bha èifeachd cho-ionnan aig Cuimris leis a' Bheurla, ach ann an Alba b' e spèis cho-ionnan a bha air a thaghadh.
Chan eil am facal spèis le ciall shoilleir san lagh agus chan eil a' toirt còir don Ghàidhlig ann an Alba mar a tha aig a' Chuimris anns a' Chuimrigh.
Tha an t-Oll. Meek ag ràdh gun robh deasbad mòr ann air cùl chùisean mun bhriathrachas.
"Bha eagal am beatha air cuid gum biodh cosgaisean mòra an lùib a' ghnothaich," thuirt e.
"Bhithinn a' dol thuca agus ag ràdh, 'chan eil sinn a' dol a chur leabhar an telefòn, a h-uile leabhar ann an Alba, anns a' Ghàidhlig idir!"
"Bha teas anns a' ghnothach"
'S e rudeigin eile nach robh anns an Achd, còir laghail air foghlam Gàidhlig.
Tha an t-Oll. Meek ag ràdh gur e cuspair eile a bha sin air an deach mòran deasbaid a dhèanamh.
Tha e ag ràdh gur e "eagal" am measg luchd-poileataigs a bha air cùl a' cho-dhùnaidh fhàgail às.
"Anns a' chiad tarraing a rinn mise de na prionnsabalan, bha a' chòir sin annta," thuirt e.
"Ach chaidh sin a lagachadh. Agus tha cuimhne agam air cùl chùisean nuair a bha MAGOG air a leigeil ma sgaoil, agus bha Bòrd Gàidhlig na h-Alba ann, bha mi fhèin ag obair còmhla ris na seirbheisich chatharra, a' dealbhachadh agus a' feuchainn ri cùisean a chumail car socrach.
"Agus bha teas anns a' ghnothach, gu sònraichte a thaobh foghlaim Ghàidhlig agus còirichean phàrantan.
"Tha cuimhne agam fhathast air cuid de na litrichean, dh'fhaodadh tu thu fhèin a gharadh air na litrichean, bha iad cho teth air uaireannan."

Bhiodh Dòmhnall a' cur dealbhan cartùn ri chèile mun phròiseas
Ann am beachd an Oll. Meek, cha robh an t-Achd làidir gu leòr airson an t-seòrsa atharrachaidhean a bha e fhèin agus buill eile de MAGOG airson fhaicinn sa chiad dol a-mach.
"Air mo shon fhìn dheth, bha mi a-riamh a' smaoineachadh gun robh Achd na Gàidhlig gu math lag a thaobh nam prionnsabalan a bha ann, agus mar a bha iad ga dhealbh nuair a chaidh e gu na seirbheisich chatharra, 's ann nas laige a dh'fhàs e."
"Ach nuair a sheallas mi air ais às dèidh 20 bliadhna, tha mi a' smaoineachadh gun do rinn sinn na b' urrainn dhuinn aig an àm a rèir an t-seòrsa sìde phoilitigich a bha ann.
"Cha robh e làidir gu leòr, gun teagamh sam bith. Ach bha e cho làidir agus a b' urrainn dhuinn fhaighinn aig an àm."

Fhuair am Bile taic na làn-pàrlamaid air 21mh Giblein 2005
Anns a' Ghiblean 2005 fhuair am Bile troimhe le làn-taic na Pàrlamaid ann an Holyrood. Chaidh e na achd air an 1mh den Ògmhios.
Bha an t-Oll. Meek air an là sin san oifis aige aig Oilthigh Dhùn Èideann.
"Thàinig caraid dhomh a-staigh agus thuirt mi ris càite a bheil thu a' dol? Agus thuirt e, tha mi a' dol sìos don Phàrlamaid feuch am faic mi Bile na Gàidhlig a' dol na Achd.
"Agus cha robh fios no foras agamsa gun robh sin a' dol a thachairt, agus ma bha, cha tàinig limousine chun an dorais, no eadhon each is cairt! Cha deachaidh iarraidh orm idir gu h-oifigeil a bhith an làthair airson là a bha cho mòr ann an eachdraidh na h-Alba.
"Bidh mi a' faighneachd dhiom fhìn, 'carson a bha sin'?
"Saoilidh mi gur h-e a bh' ann gun robh obair MAGOG crìochnaichte gu h-oifigeil ann an 2003, bha Bòrd Gàidhlig na h-Alba agad, agus bha sinne air ar cur mu sgaoil.
"Ach tha litir agam chun an là an-diugh a ghlèidh mi gu cùramach - bha i cho prìseil leam - a sgrìobh Peter Peacock.
"Tha e a' toirt taing dhuinn uile ann am MAGOG airson na rinn sinn airson Achd na Gàidhlig a thoirt gu bith."
"Bha e mar gum bithinn air obair mo bheatha a dhèanamh fada ron àm"
B' e pròiseas dùbhlanach a bh' ann achd fhaighinn agus, cho math ri iarrtasan na h-obrach academigich aige, thug e buaidh mhòr air Dòmhnall.
"'S e mi fhìn a chumail socrach, ciùin am meadhan a h-uile iarrtas a bha ann, bha sin duilich, duilich," thuirt e.
"Na dòighean ciùineachaidh a bha nam eanchainn, chaidh an tràghadh às m' eanchainn leis na h-uallaichean a bha sin.
"Agus chaidh mise fodha ann an 2004.
"Beag air bheag thill mi, ach thill mi nam dhuine eile, cha robh mi idir cho deònach a dhol an sàs ann an cùisean na Gàidhlig.
"Ach nuair a sheallas mi air ais air cùrsa mo bheatha, dè eile a b' urrainn dhomh a bhith air a dhèanamh a bhiodh na b' àirde na Achd Gàidhlig a chur ann an leabhar an lagha ann an Albainn.
"Cia mheud duine a rinn sin? Cia mheud buidheann a rinn sin a-riamh?
"Bha e mar gum bithinn air obair mo bheatha a dhèanamh fada ron àm."

Chaidh Bile ùr nan Cànanan a chur mu choinneimh Holyrood san t-Samhain 2023.
Am measg nan ceumananan a tha air an cur adhart, tha cothrom do chomhairlean Sgìrean Sònraichte ainmeachadh far am faodadh a' Ghàidhlig an tuilleadh taice fhaighinn.
Tha an t-Oll. Meek ag ràdh gu bheil e a' gabhail iongnadh mòr gun tug e 20 bliadhna airson bile a thighinn air adhart a thogadh air reachdas a chaidh a dhealbhachadh eadar 2002 agus 2005.
"Bha mise an dòchas gum biodh Achd na Gàidhlig ga neartachadh an taobh a-staigh de chòig bliadhna, agus bha feum air an sin.
"Na modailean a bha sinne a' cleachdadh, bha iad sean aig an àm sin, agus 's ann na bu shine a dh'fhàs iad. Tha a' Chuimrigh a-nis air gluasad gu modailean tur eadar-dhealaichte airson cànan a neartachadh anns an dùthaich.
"Chan eil fhios agamsa carson nach robh barrachd putaidh ann gu bhith ga ath-ùrachadh agus ga ath-leasachadh.
"Saoil an robh daoine air diochuimhneachadh gun robh achd ann, a dh'fheumadh a bhith air ath-leasachadh.
"Mar sin, tha iongnadh orm. Ach aig an aon àm tha mi an dòchas gun soirbhich leis a' Bhile ùr a tha seo."
"Feumaidh sinn a dhol nas fhaide, nas luaithe"
Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear Ceit Fhoirbeis, ged a thathas air tòiseachadh air cùisean a thionndadh mun cuairt a thaobh crìonadh na Gàidhlig, gu bheil i ag aithneachadh gum feum an Riaghaltas a dhol nas fhaide, nas luaithe ma tha an cànan gu bhith beò.
Thuirt i gur e sin an t-adhbhar a tha an Riaghaltas air Bile nan Cànanan a thoirt air adhart.
Thèid an treas ìre den bhile a dheasbad ann an Holyrood an ath-sheachdain, air an 17mh den Ògmhios.