Murt Inbhir Narann: ceistean don Àrd-Chonstabal
- Air fhoillseachadh
Tha dùil gum bi ceistean aig Àrd-Chonstabal Poileas Alba ri fhreagairt an t-seachdain seo às dèidh do theaghlach Alasdair MhicUilleim, a chaidh a mhurt an Inbhir Narann air a starsaich fhèin, a ràdh gun robh na Poilis "neo-chomasach".
Ann am brath a nochd air an deireadh-sheachdain thuirt an teaghlach gun robh iad air earbsa a chall ann an comas nam Poileas lorg fhaighinn air a mhurtair.
Thuirt iad cuideachd gun do dhiùlt an t-àrd-chonastabal, Jo Farrell, iarrtas bhon teaghlach coinneachadh riutha.
Chaidh losgadh air Mgr MacUilleim le gunna air stairsich a dhachaigh ann an Inbhir Narannn air an 28mh là den t-Samhain 2004.
Cha deach am murtair a lorg riamh.
Dh'iarr Morair Tagraidh na h-Alba air an t-seachdain seo chaidh gun deadh ath-sgrùdadh a dhèanamh air a' chùis.
Ach tha an teaghlach a-niste air a ràdh gu bheil iad air earbsa sna Poilis a chall ri linn droch cho-dhùnaidhean, agus iad ag ràdh nach robh iad cunntachail gu leòr.
Thuirt iad nach robh iad a' tuigsinn carson nach deach Ceannard nam Mòr-Eucoirean a chur às a dhreuchd às dèidh mar a chaidh gabhail ri gearan a thog iad na aghaidh.
Thuirt iad cuideachd mura beachdaich an t-Àrd-Chonstabal às ùr air coinneachadh riutha gu bheil sin a' togail ceist mun dreuchd aicese cuideachd.
Thuirt Poileas Alba gu bheil iad fhathast ag obair cho cruaidh 's a ghabhas airson an duine a mhuirt Alasdair a thoirt gu ceartas.