Thèid murt Alasdair MhicUilleim air a stairsich fhèin a sgrùdadh às ùr
- Air fhoillseachadh
Dh'iarr an neach-lagha as àirde dhreuchd ann an Alba ath-sgrùdadh air murt a' bhancair Alasdair MacUilleim bho chionn faisg air 20 bliadhna.
Chaidh Mgr MacUilleam, a bha pòsta le dithis chloinne, a mhurt aig a dhachaigh ann an Inbhir Narann, cùis ris an canar "am murt stairsich".
Cha deach an neach a mharbh e a lorg a-riamh.
Bidh sgiobaidhean ùra bho Oifis a' Chrùin agus Seirbheis Luchd-casaid a' Chrùin (COPFS) agus oifigearan bho Phoileas Alba ag obair còmhla air an rannschadh ùr.
Bhàsaich Mgr MacUilleim, 30, an dèidh mar a chaidh losgadh air le gunna air an 28m den t-Samhain 2004.
Bha fireannach air gnogadh air doras dachaigh an teaghlaich agus bhruidhinn e ri bean Mhgr MhicUilleim, agus chleachd e ainm nuair a thuirt e gun robh e airson bruidhinn ris.
Nuair a thàinig e a-nuas, thug am murtair cèis ghorm dha air an robh an t-ainm "Paul" sgrìobhte.
Chaidh Mgr MacUilleim a-steach dhan taigh a-rithist greiseag agus nuair a thill e loisg an duine le gunna-làimhe air.
Thuirt Am Morair Tagraidh, Dorothy Bain KC, gur e eucoir "a bha na h-adhbhar buaraidh" a bh' innte.
Thuirt i: "Chaidh obair mhòr a dhèanamh thar iomadh bliadhna feuch fuasgladh fhaighinn dhan chùis seo agus chaidh tòrr mòr fianais a chruinneachadh.
"Ge-tà, tha mi air co-dhùnadh gu bheil e iomchaidh gun tèid sùil às ùr a thoirt air gach eileamaid den chùis agus gun tèid an còrr sgrùdaidh a dhèanamh.
"'S e a bu mhiann leam gum faighear ceartas do theaghlach Alasdair MhicUilleim agus don choimhearsnachd air an tug an eucoir fhòirneartach seo buaidh."
San Dùbhlachd an-uiridh, rinn teaghlach Mhgr MhicUilleim gearan ri Coimiseanear Ghearanan agus Ath-sgrùdaidh nam Poileas (Pirc) mun dòigh san do làimhsich na Poilis an sgrùdadh.
Thuirt Poileas Alba agus COPFS aig an àm gun robh iad air coinneachadh ris an teaghlach a bhruidhinn mu na cuspairean a thog iad.