Bha Rathad a' Bhràighe an Leòdhas dùinte às dèidh tubaiste

Oifigear Polils
  • Air fhoillseachadh

Chaidh an A866, Rathad a' Bhràighe, ann an Leòdhas a dhùnadh rè ùine às dèidh tubaiste.

Chaidh na poilis a ghairm dhan tubaist aig mu mheadhan là Disathairne.

Bhathar ag iarraidh air draibhearan an sgìre a sheachnadh fhad 's a bha iad a' dèiligeadh leis an t-suidheachadh.

Chaidh an rathad fhosgladh a-rithist mu 2.15f.