Dìleab Hamish MhicAonghais a' cuideachadh sgeama ghrantaichean nam beann

- Air fhoillseachadh
Tha na h-urrasairean aig Urras Sreap na h-Alba air dearbhadh gur iad a-mhàin a gheibh buannachd bhon tiomnadh luach £446,000 aig an t-sreapadair ainmeil an Dr Hamish MacAonghais.
Bidh an taic-aigid sin a' toirt cothruim dhan urras leudachadh a thoirt air sgeama nan grantaichean aca airson buidhnean agus daoine a bhrosnachadh a dhol an sàs ann an tachartasan air a' bhlàr a-muigh.
Dh'fhàs Maighstear MacAonghais, a bha a' fuireach ann an Gleann Comhann, ainmeil ann an saoghal sreap aig aois gu math òg.
Stèidhich e sgiobannan teasargainn beinne agus sgrìobh e leabhraichean mu shreapadaireachd.
Agus dhealbhaich e a' chiad làmhag-deighe gu tur meatailte agus streadsair cobhair.
Chaochail an sreapadair agus an t-innleachdair Albannach san t-Samhain 2020, aig aois 90.
B' e Sionnach Ghlinne Chomhainn am far-ainm a bh' air ri linn 's gun robh e cho seòlta anns na beanntan.
Tha an t-urras ag ràdh gu bheil iad airson na neartan sin a bha aig an Dr MacAonghais a bhrosnachadh am measg dhaoine eil mar thoradh air na pròiseactan a tha iad a' maoineachadh.

Cùrsa trèanaidh do dh'oileanaich air sgilean sreap agus onair teasairginn nam beann a chaidh a chumail le Loidse a' Ghlinne Mhòir le taic bho Urras Sreap na h-Alba
Bho 1990, tha Urras Sreap na h-Alba (SMT) air £1,982,000 a thoirt seachad do dhiofar bhuidhnean a tha a' brosnachadh failleanachd agus slàinte-inntinn tro chur-seachadan a leithid coiseachd nam beann, sreap air na creagan no air na beanntan sa gheamhradh agus cuairtean sgìthidh.
Tha iad cuideachd air taic a thoirt do phròiseactan airson ceumannan-coiseachd a chàradh, bothain anns na beanntan a leasachadh agus taic a thoirt do chuairtean beinne aig an robh amasan saidheansail no air adhbharan foghlaim.
Ach tha an t-urras airson na seòrsaichean phròiseactan a gheibheadh taic a leudachadh a-mach, chan ann a-mhàin 'son nan rudan traidiseanta.

Bu mhath leotha tagraidhean fhaicinn cuideachd bho bhuidhnean a tha a' toirt cothruim do dhaoine bho choimhearsnachdan bochda faighinn a-mach air na monaidhean.
Thuirt Cathraiche an SMT, Daibhidh Broadhead, gu bheil iad air an dòigh an t-airgead seo fhaighinn bho urrasairean MhicAonghais.
"Tha sinn ag aithneachadh gu bheil uallach mòr oirnn, leis gun robh Hamish a' seasamh leis fhèin agus a' stiùireadh a chùrsa fhèin tro a bheatha, agus nì an SMT cinnteach gun lean na rudan anns an robh esan a' cur luach agus gun cùm sinn ann an cuimhne e tro na pròiseactan ris a bheil sin a' cur taic", thuirt e.