"Taic 'son cait lioncs a bhith air a thilleadh a dh'Alba" a rèir buidhne

Tè de na cait lioncs a tha ann an Sù Dhùn Èideann an dèidh a bhith air a leigeil ma sgaoil sa Mhonadh Ruadh
- Air fhoillseachadh
Tha buidheann de luchd dìon na h-àrainneachd ag ràdh gu bheil an ìre de thaic airson a bhith a' toirt lioncs air ais a dh'Alba a' dol am meud.
Tha iad a' togail air cunntas bheachd a dh'iarr iad.
Chaidh an cunntas bheachd a dhèanamh le Survation. Cheasnaich iadsan còrr is 2,000 duine mu a bhith a' toirt lioncs air ais a dh'Alba.
Thuirt 61% a fhreagair an ceisteachan gum bu chaomh leotha cait lioncs fhaicinn air ais air a' bhlàr a-muigh.
Chaidh na cait à bith ann am Breatainn na ceudan bhliadhnaichean air ais.
Rinnear an cunntas bheachd an dèidh do cheithir lioncs - trì boireann agus aonan fireann - a bhith air an leigeil ma sgaoil faisg air Ceann a' Ghiùthsaich air a' mhìos a chaidh.
Bhàsaich an lioncs fireann goirid an dèidh dhaibh a bhith air an glacadh.
Sheall sgrùdadh gun robh iad uile a' fulang dìth a' bhìdh.
Tha na trì beathaichean boireann a-nise ann an Sù Dhùn Èideann, far a bheil iad nas socaire na bha iad, 's iad air a bhith cleachdte ri mac-an-duine a bhith a' coimhead às an dèidh mus deach an leigeil às.
Thathar a-nis a' lorg dachaigh ùr dhaibh.
Thug na thachair air a' Phrìomhaire, John Swinney, a ràdh nach deadh na cait mhòr a thilleadh dhan dùthaich gu h-oifigeil.
Ach tha Co-bhanntachd Lioncs gu Alba ag ràdh nach eil e air an aon ràmh ris a' phoball agus chuir iad ìmpidh air a bheachd atharrachadh.