£4.5m sa bhliadhna bho thuath-gaoithe mara ga ghealltainn do Thaobh Siar Leòdhais

An Cuan Siar bho chreagan faisg air Dail Beag Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bhiodh crainn-gaoithe ann mu 5-13 cileameatair far a' chladaich

  • Air fhoillseachadh

Tha a' chompanaidh air cùl phlanaichean tuath-gaoithe mòr a thogail mu 5-13 cileameatair far chladaich Taobh Siar Leòdhais a' gealltainn buannachd coimhearsnachd luach £4.5m sa bhliadhna ma thèid am pròiseact Spiorad na Mara air adhart.

Tha Buidheann Oighreachdan an Taobh Siar ag ràdh gur e clach-mhìle chudromach a tha seo sna còmhraidhean a th' air a bhith aca leis an luchd-leasachaidh, Northland Power agus ESB.

Tha an gealltanas a' tighinn às dèidh dà bhliadhna de chòmhraidhean leis a' bhuidhinn, air a bheil trì oighreachdan coimhearsnachd agus aon oighreachd phrìobhaideach.

Rinn a' bhuidheann soilleir ge-tà, nach eil seo a' ciallachadh gu bheil iad am beachd taic a chur ris a' phròiseact, ach gun robh e mar amas dhaibh gealltanas mar seo fhaighinn bhon luchd-leasachaidh cho tràth agus a b' urrainn sa phròiseas.

Ìmpidh air an luchd-leasachaidh beachd a' phobaill a shireadh agus fios a chumail riutha

Thuirt iad gu bheil iad a' cur ìmpidh air an luchd-leasachaidh barrachd conaltraidh a dhèanamh le buidhnean eile agus na coimhearsnachdan air an toireadh am pròiseact buaidh mus cuir iad a-steach airson cead-dealbhachaidh.

Thuirt Coinneach Mac'illInnein, Cathraiche Urras Oighreachd Chàrlabhaigh, aon de bhuill Buidheann Oighreachdan an Taobh Siar: "Mar chomann de na h-uachdarain as fhaisge air far am bitheadh an tuath-gaoithe bha sinn a' smaoineachadh gun robh e mar uallach oirnn còmhraidhean ro-ghnìomhach a chumail ris an luchd-leasachaidh.

"Tha seo a' ciallachadh gu bheil sinn ag obair còmhla mar aon bhuidheann làidir sna còmhraidhean dùbhlannach aig amannan airson a' bhuannachd a bu mhotha fhaighinn dha na coimhearsnachdan air an toir Spiorad na Mara buaidh ma thèid e air adhart," thuirt Mgr Mac'illInnein.

Dail MòrTùs an deilbh, Getty Images

Thuirt Stiùiriche Pròiseict Spiorad na Mara, Tanya Davies: "Tha an t-aonta a' dearbhadh an amais againn gum bi buannachd mhaireannach ann do na coimhearsnachdan as fhaisge air a' phròiseact.

"Bheireadh sinn suim nach beag do na coimhearsnachdan cho fada 's a bhios am pròiseact ann, co-dhiù 35 bliadhna thathar an dùil, agus ma thachras e."

Bidhear a-nis a' cumail co-chomhairleachadh le muinntir an àite agus buidhnean eile aig a bheil gnothach ris a' phròiseact.

Nam measg bidh sgrùdadh le eòlaichean neo-eisimeileach air an stòras coimhearsnachd a thathar a' gealltainn.