Mucan a bha ma sgaoil sa Mhonadh Ruadh gan glacadh agus gan spadadh

MucTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chaidh mucan ferail a bha ma sgaoil ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh a ghlacadh agus an spadadh, a-rèir Fearann Coilltearachd na h-Alba.

Chaidh na beathaichean fhaicinn Diluain faisg air na h-Uath-Lochain, a tha faisg air baile Innis ann am Bàideanach.

Bha sin mu chòig mìle air falbh bhon làraich far an deach lioncs a chuir ma sgaoil gu mì-laghail air a' mhìos a chaidh.

Bha Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh ag obair le Fearann Coilltearachd na h-Alba gus na mucan a ghlacadh.

Thuirt Fearann Coilltearachd na h-Alba gur e gnè nach buineadh dhan sgìre a bh' ann agus gun deach an leigeil ma sgaoil gu mì-laghail.

Thuirt neach-labhairt bhon bhuidhinn: "Tha fios aig manaidsearan fearainn ann an Alba mu na duilgheadasan a tha mucan ferail ag adhbhrachadh ann an sgìrean eile agus mar a tha an riaghaltas a' moladh smachd a chumail air na beathaichean.

"Ri linn seo chaidh na beathaichean a ghlacadh, chaidh an gluasad gu làrach FCA, agus le comhairle bho bheataichean agus Poileas Alba, chaidh an spadadh."

MucanTùs an deilbh, Greg MacRath
Fo-thiotal an deilbh,

Dealbh dhe na mucan a chaidh a thogail nas tràithe dhan t-seachdain

Rinn Fearann is Oighreachdan na h-Alba, a bhios a' riochdachadh ghnothachasan air an tuath, càineadh air mar a chaidh na beathaichean a leigeil ma sgaoil agus dh'iarr iad air duine sam bith le fiosrachadh a thoirt dha na poilis.

Nas tràithe dhan t-seachdain, thuirt Stiùiriche Mhòintichean na buidhne, Ross Ewing: "A rèir choltais b' e rud mì-laghail, gun chùram a bha seo, a tha a' sealltainn nach eil diù idir aig an fheadhainn a rinn e air maith nam beathaichean no air an àrainneachd nas fharsainneachd."

"Chunnaic sinn buile sin le mar a chaidh lioncs a leigeil mu sgaoil gu mì-laghail, a dh'fhàg gun do bhàsaich fear de na beathaichean.

"Chan eil dragh idir aig an fheadhainn a bhios a' dèanamh seo mu mhaith nam beathaichean a tha iad a' leigeil às, no mun bhuaidh mhòir a dh'fhaodadh iad a thoirt."