Ainmean air an taghadh do bhàtaichean-aiseig ùra

Ro-dhealbh de thè de na bàtaichean ùra
- Air fhoillseachadh
Tha CMAL air ainmean fhoillseachadh do bhàtaichean-aiseig ùra a tha gan togail an-dràsta san Tuirc, an dèidh bhòta poblaich.
Bidh an MV Claymore agus an MV Lochmor a' siubhal air slighean a' Chuain Sgìth,
Dh'fhoillsich a' chompanaidh dà liosta de dh'ainmean, le taic bho mhuinntir na Hearadh agus Uibhist a Tuath, le cha mhòr 3,000 bhòt air an caitheamh.
"An dèidh fìor-dheagh fhreagairt don bhòt phoblaich, bu mhath leam taing a thoirt don a h-uile duine a chaidh an sàs airson an dà bhàt-aiseig ùr ainmeachadh," thuirt Àrd-Stiùiriche CMAL, Kevin Hobbs.
"Tha obair a' dol gu math aig gàrradh Cemre san Tuirc air an MV Claymore agus MV Lochmor, agus tha dùil againn an dà shoitheach fhaighinn san dàrna leth de 2025.
"Bheir iad sùbailteachd, earbsachd agus rùm-aiseig a bharrachd do sheirbheisean nan coimhearsnachdan eileanach," thuirt e.
Chuir Ministear na Còmhdhail, Fiona Hyslop, fàilte air an adhartas a tha ga dhèanamh leis an dà shoitheach ùr.
"Tha e na adhbhar misneachd dha-rìribh buill den phoball fhaicinn a' toirt beachd seachad 's a' taghadh dà ainm fhreagarrach do na bàtaichean-aiseig ùra a bhios air slighean a' Chuain Sgìth," thuirt i.
"Tha mi dha-rìribh a' cur fàilte air an adhartas leantainneach air an dà shoitheach, agus mi a' dèanamh fiughair ris an MV Claymore agus an MV Lochmor a bhith nam pàirt den chabhlach a tha a' frithealadh air Chluaidh agus Innse Gall," thuirt i.