Spreapadair a bhàsaich air an Aonach Eagach air ainmeachadh

An t-Aonach EagachTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chaidh fear den triùir luchd-sreap a chaill am beatha air an Aonach Eagach ann an Gleann Comhann ainmeachadh.

Chaidh corp Graham Cox, 60, agus cuirp dithis eile a lorg an dèidh mar a chaidh fios a chur air Poileas Alba oidhche Shathairne nach robh iad air tilleadh mar a bha còir bho chuairt air a' bheinn.

Cha deach fireannach, 39, agus boireannach, 64, a bha a' sreap còmhla ri Mgr Cox ainmeachadh.

Thuirt fear-labhairt teaghlach Mhaighstir Cox gur e "cèile, athair, mac agus bràthair air an robh mòran gràidh aca".

"Bidh a h-uile duine a' cuimhneachadh air mar dhuine coibhneil agus laghach.

"'S e buille mhòr a th' ann dhan teaghlach agus tha iad ag iarraidh gum faigh iad fois."

Thathar den bheachd gun do bhàsaich an triùir shreapadairean agus ceangailte ri chèile le ròpan.

Chaid na cuirp aca a lorg le Sgioba Teasairginn nam Beann ann an Gleann Comhann.

Thuirt Poileas Alba nach robh iad den bheachd gu bheil càil amharasach mun chùis agus gun tèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.