Taic riaghaltais ga sireadh airson taighean ùra an t-Òib

An t-ÒbTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Thàinig rabhadh bho mhuinntir cheann a deas na Hearadh nach bi a' choimhearsnachd buan mura tèid sgeama taigheadais sòisealta air adhart.

Shoirbhich le strì a rinn iad nuair a dh'aontaich Buidheann Taigheadais Innse Gall (HHP) 12 taigh a thogail san t-Òb seach sia mar a bhathar a' moladh an toiseach.

Tha dragh ann ge-tà gu bheil na prìsean tairgse a thàinig air ais airson 12 taigh ro àrd.

Chuir Comhairle Coimhearsnachd Cheann a Deas na Hearadh litir fhosgailte gu Ministear an Taigheadais, Pòl MacIllinnein, ag iarraidh a thaic.

An t-ÒbTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Thugadh rabhadh nach bi a' choimhearsnachd buan mura tèid taighean air prìs reusanta a thogail

Tha an litir, a tha a' faighinn taic bho Bhall Pàrlamaid Albannach nan Eilean Siar, Alasdair Allan, agus comhairlichean ionadail, a' mìneachadh mar a tha dìth taigheadais a' bualadh air cha mhòr a h-uile seirbheis, gnìomhachas agus goireas sa sgìre.

Dh'innis iad dha gun d' fhuair aithisg a rinn Comhairle nan Eilean Siar agus HHP gur e ceann a deas na Hearadh an aon sgìre sna h-eileanan far a bheil prìsean àrda thaighean a' fàgail gu bheil farpais ro mhòr ann do mhuinntir an àite fhèin a mhiannaicheadh dachaigh a cheannach.

Thuirt iad gun robh faisg air 70 bliadhna ann on chaidh taighean a tha ri fhaotainn air prìs reusanta a thogail sa sgìre.

Thuirt Donnie Dòmhnallach, Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Cheann a Deas na Hearadh: "Gu sìmplidh, tha taic an riaghaltais airson sgeama dusan taigh san t-Òb riatanach ma tha e gu bhith comasach dhuinn dachaighean a bhith againn airson nan ginealaichean ri thighinn."

Thuirt fear-labhairt Riaghaltas na h-Alba gun tug iad seachad gealltanas gun tèid co-dhiù 110 taighean sòisealta a thogail ann an sgìrean dùthchail agus sna h-eileanan ro 2032.