Chuir Fèis-Chiùil Thiriodh 2024 £1.3m ri eaconamaidh an eilein
- Air fhoillseachadh
Tha Fèis-Chiùil Thiriodh (TMF) air fiosrachadh fhoillseachadh mun bhuannachd eaconamach an cois an tachartais agus mu na planaichean a th' aca airson 2025.
Am-bliadhna, chuir an fhèis £1.3m ris an eaconamaidh ionadail agus chuir i £9.4m rithe on thòisich i bho chionn 12 bliadhna.
San ùine sin tha suas ri 24,000 duine air tighinn don chruinneachadh samhraidh de cheòl, cultar agus cur-seachadan air a' bhlàr a-muigh.
Chaidh an fhèis cuideachd a chur air adhart airson dà dhuais nàiseanta.
Bidh fèis 2025 ann eadar an 11mh agus an 13mh den Iuchar agus bidh ticeadan ri fhaotainn bho Dhihaoine an 29mh den t-Samhain.
Bithear ag innse cò an luchd-ciùil a bhios air an àrd-ùrlar sna mìosan ri thighinn.
Tha measadh air fèis 2024 a' sealltainn gu bheil an còigeamh cuid den luchd-frithealaidh a' siubhal ann bho dhùthchanan eile den Rìoghachd Aonaichte, bhon Roinn Eòrpa agus nas fhaide air falbh, agus gu bheil an àireamh sin a' fàs.
Tha soirbheas TMF a' fàgail gu bheil e air a' gheàrr-liosta airson Fèis na Bliadhna 2024 aig Duaisean Ceòl Beò na h-Alba agus Tachartas Beag na Bliadhna aig Duaisean Comann Thachartasan air a' Bhlàr a-Muigh 2024.
Ann an 2025 chì luchd-tadhail obair ealain ùr air an làraich mhachrach agus tachartasan air iomall na fèise le fòcas air slàinte 's sunnd agus spòrs do theaghlaichean.
Bidh iad cuideachd a' cumail orra a' feuchainn ri na chleachdas iad de chàrbon a lùghdachadh.
Thuirt Danile Gillespie, Stiùiriche TMF: "Tha sinn air leth moiteil gun deach ar cur air adhart airson dà dhuais nàiseanta.
"Tha e a' ciallachadh tòrr don sgioba bhig againn a tha ag obair cho cruaidh airson an fhèis a dhèanamh cho math 's a tha i.
"Tha sinn airson togail air an sin ann an 2025 agus fiamh-gàire fhàgail air aodannan dhaoine agus gum bi spòrs aca air am bi cuimhe aca gu bràth."