Lùghdachadh 4% air àitichean-fuirich air màl ghoirid an Alba ann am bliadhna

Taighean san Eilean Sgitheanach
Fo-thiotal an deilbh,

Thàinig àrdachadh ge-tà, air na bha de dh'àitichean air màl ghoirid san Eilean Sgitheanach

  • Air fhoillseachadh

Tha figearan ùra air margaidh a' mhàil ghoirid an Alba a' sealltainn gun tàinig lùghdachadh 4% air na tha ri fhaotainn tro chompaniadhean leithid Airbnb thairis air a' bhliadhna mu dheireadh.

Tha seo an dèidh mar a thòisich sgeama ceadachd airson àitichean-fuirich air màl goirid san Dàmhair an-uiridh.

Ged a tha am figear air crìonadh air Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan san fharsaingeachd cuideachd, chan eil anns an Eilean Sgitheanach, far an tàinig fàs.

Tha a-niste còrr is 1,400 àite-fuirich air an clàradh san eilean a tha ri fhaotainn air màl ghoirid.

Tha Fiona Chaimbeul, o Chomann Fèin-fhrithealaichean na h-Alba ag ràdh gu bheil an reachdas ùr ri choireachadh airson an lùghdachaidh gu nàiseanta.

"Chan eil sinn a' bruidhinn an seo mu uachdarain dona 's àitichean nach eil aig ìre," thuirt i.

"Oir fhios agad - chan fhuiricheadh duine còmhla riut mura biodh an t-àite agad aig ìre. 'S e sin fìrinn na cùise.

"Chan eil duine ga dhiùltadh ri linn slàinte is sàbhailteachd no àiteachan nach eil aig ìre.

"Tha seo na uallach mhòr uabhasach a thaobh na chosgas e agus a thaobh na rianachd dheth.

"Ma chanas tu ri cuideigin ann an Dùn Èideann nach eil cosgais mhòr sam bith na lùib - tha cosgais £5,862 a' tighinn air cuid aca dìreach airson cead fhaighinn a mhaireas aon bhliadhna.

"Tha cosgais mhòr na lùib do dhaoine ann an roinn anns nach eil prothaidean mòra gan dèanamh.

"Tha a h-uile càil a tha seo, air muin na tha thu a' dèanamh mar thà, 's e airgead a th' ann nach fheum thu a chosg."

Thuirt Ministear an Taigheadais aig Riaghaltas na h-Alba, Pòl MacIllInnein, gu bheil e den bheachd gu bheil an sgeama ceadachd a' glèidheadh àitichean-fuirich air màl ghoirid san eaconomaidh, le bhith a' dearbhadh do luchd-tadhail gu bheil àiteachan aig ìre agus sàbhailte.