WIIGA a' toirt 100+ a dh'Arcaibh

Cuirm crìochnachaidh Guernsey 2023
  • Air fhoillseachadh

Thèid còrr is 100 neach a dh'Arcaibh as t-samhradh mar phàirt de sgioba nan Eilean Siar aig Geamannan nan Eilean.

Tha dragh air a bhith ann mu na geamaichean am-bliadhna is cuid de sgiobaidhean air tarraing a-mach ri linn cheistean mu àiteachan-fuirich.

Tha sgioba WIIGA air dearbhadh fhaighinn gu bheil na h-àiteachan aca a bhios a dhìth, ged a tha sin air tighinn beagan thairis air a' bhuidseat ris an robh dùil.

Chan eil dragh air cathraiche WIIGA nach tèid sin a chothromachadh ro na geamannan ge-tà, is 158 là ri dhol gus am "fine detail" a chur air dòigh.

Àite-fuirich 'son Orkney 2025 Tùs an deilbh, Orkney 2025
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh feadhainn a' fuireach ann an sgoiltean is seann togalaichean airm airson geamannan Arcaibh.

Anns na 18 mìosan bho thàinig geamannan Guernsey gu crìoch tha mòran air ceistean a thogail mu chosgaisean agus far am bi an luchd-spòrs a' cadal.

Chan eil Norrie Dòmhnallach, cathraiche WIIGA, a' tuigsinn nan ceistean sin, gu h-àraidh leis gur iad Arcaibh na h-eileanan bu lugha a thaobh àireamh-sluaigh a th' air Geamannan nan Eilean a chur air dòigh.

Aig a' cheart àm ge-tà, chan eil e a' faicinn gun dèan sin diofar do na lùth-chleasaichean air a' cheann thall.

"Chan eil sin a' dèanamh diofar", thuirt e, "aig deireadh an là tha seachdain agad aig na geamannan agus tha thu a' gabhail pàirt ann an spòrs.

"Chan eil thu air làithean-saora.

"Ma tha duine an-dràsta a' smaoineachadh gur e seachdain fhurasta a tha gu bhith aca, chan e, agus mar sin feumaidh iad a bhith a' cluich cruaidh agus aig deireadh na h-oidhche, cha bhi iad ag iarraidh càil ach leabaidh, às bith dè seòrsa leabaidh, às bith cà bheil e."

Fo-thiotal a’ bhidio,

A dh'aindeoin mar a tha leithid muinntir Guernsey ag iarraidh suas ri £2,000 bhon luchd-spòrs aca am-bliadhna - chan eil cosgaisean mar sin air luchd-spòrs nan Eilean Siar.

Thathar a' faighinn taic-airgid bho chompanaidhean air feadh nan Eilean Siar ach fhathast tha luchd-spòrs a' cur làmh nam pòcaid fhèin airson earran dheth a phàigheadh.

Tha dùil air a' cheann thall gum bi eadar 100 is 110 neach air an dà thuras-itealain eadar Steòrnabhagh is Baile na h-Eaglaise.

Tha Norrie den bheachd gu bheil àireamh cho mòr na cuideachadh dhaibh gus na cosgaisean a ghiùlain am measg a h-uile duine.

"Aig deireadh an là, a' bruidhinn air eaconomas, ma tha barrachd dhaoine a' tighinn còmhla rinn, faodaidh sinn pàigheadh airson an t-itealan a dhol dà thrup, agus mar sin tha na sgiobaidhean an-dràsta a' dèanamh tòrr den ullachadh aca fhèin."

Fo-thiotal a’ bhidio,

Sùil air ais air Geamannan nan Eilean 2023

Às dèidh Gheamannan Arcaibh, thèid Geamannan nan Eilean a chumail anns na h-Eileannan Fàrach.

Bha dùil gum biodh 2027 sa Chumrigh is Ynys Môn air tòiseachadh air ullachadh a dhèanamh, ach rinn Covid is gnothaichean eile sgrios air a' mhaoineachadh ris an robh iad an dùil.

Tha tòrr math de na goireasan aig na h-Eileanan Fàrach mar-thà agus thèid leudachadh a dhèanamh air an 12 spòrs airson Gheamannan Arcaibh gu 14.

Bha na geamannan anns na h-Eileannan Fàrach air ais ann an 1989, ach chan eil sìon seann-fhasanta gu bhith ann mu gheamannan 2027 a rèir Solby Christiansdóttir, Stiùiriche nan Geamannan.

"Tha a h-uile sìon air atharrachadh bho 1989.

"Tha an saoghal air fad air atharrachadh le goireasan is teicneòlas ann an 40 bliadhna.

"Tha goireasan nas fheàrr againn a-nis, agus luchd-spòrs nas fheàrr."

Cuirm fosglaidh geamannan Guernsey 2023
Fo-thiotal an deilbh,

Cuirm fosglaidh Gheamannan Guernsey 2023

Tha na h-aon trioblaidean aig Solby Christiansdóttir 's a tha aig Kirsty Talbot, Stiùiriche Arcaibh 2025. Siubhal is àiteachan-fuirich.

"Tha àiteachan-fuirich gu h-àraidh na dhùbhlan dhuinn ach tha sinn tràth sa ghnothach fhathast agus tha sinn a' cruinneachadh an fhiosrachaidh.

"Tha sinn a' cunntas cia mheud leabaidh a tha ri fhaotainn ach tha a h-uile coltas ann gum feum sinne cuideachd sgoiltean a chleachdadh gus àite a bhith ann don a h-uile duine.

"Tha sinn fortanach gu bheil turasachd a' fàs anns na h-Eileanan Fàrach - bhiodh an dùbhlan na bu mhotha bho chionn 10 no 15 bliadhna.

"Tha prìsean meadhanach àrd agus tha sinne mar chomataidh a' feuchainn ris na cosgaisean sin a lùghdachadh, no roghainnean eile a lorg aig prìs na b' ìsle feuch gum bi a h-uile duine a' faicinn gu bheil cothrom aca".

'S ann air cothroman àite-fuirich a bha Solby a-mach, ach tha an aon rud a cheart cho cudromach air an raon spòrs cuideachd.

Aig na 'Geamannan Càrdeil', an Arcaibh no an àite sam bith eile, bidh a h-uile duine airson a bhith a' faireachdainn gu bheil cothrom aca tighinn am bàrr.