Clèir Leòdhais de dh'Eaglais na h-Alba air co-dhùnadh gun amaladh

Eaglais na h-Alba
  • Air fhoillseachadh

Bhòt Clèir Leòdhais de dh'Eaglais na h-Alba cumail orra mar chlèir shingilte, seach ceangal a dhèanamh le Clèir na Gàidhealtachd, nan Eilean is Eilein Ì.

Tha seo is atharrachaidhean a' gabhail àite air feadh na dùthcha san Eaglais le crìonadh san àireamh de mhinistearan agus daoine a tha a' dol dhan Eaglais.

Tha na tha de chlèirean san eaglais a' lùghdachadh, agus eaglaisean a' dùnadh 's co-thionalan a' dol còmhla ri co-thionalan eile ri linn sin.

Ann am brath-naidheachd, thuirt iad gu bheil rùn daingeann aca an seòrsa creidimh a bh' anns na h-eileanan tro na bliadhnaichean a sheasamh anns an ùine a tha romhainn.

Thuirt iad cuideachd nach e co-dhùnadh sgaraidh a tha seo, ach taghadh cumail orra ag àrach nan cleachdaidhean creidimh 's nan seallaidhean diadhachd aca ann an dòigh a tha a' freagairt air beatha spioradail eachdraidheil na coimhearsnachd.

Thuirt an t-Urr. Fiona Nic a' Ghobhainn, àrd-chlàrc Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba, gu bheil spèis aig Eaglais na h-Alba do cho-dhùnadh Clèir Leòdhais, agus gun cùm iad orra a' co-obrachadh airson soisgeul Dhè a sgaoileadh air feadh na dùthcha 's nas fhaide na sin mar phàirt de dh'Eaglais na h-Alba.