Ceithir bliadhna prìosain air fear on Ghàidhealtachd airson èigneachaidh

Seacaid Phoilis
  • Air fhoillseachadh

Chaidh ceithir bliadhna prìosain air fear a dh'èignich deugaire nighinn a bha fo mhisg ann an taigh-aoigheachd an Inbhir Nis.

Thug Cameron Huggins, 22, an ionnsaigh air an nighinn, nach fhaodar ainmeachadh, air an 10mh là den Ghiblean 2023.

Bha an nighean fo bhuaidh na dibhe aig an àm, 's chaidh innse don chùirt nach robh i air chomas cead a thoirt seachad airson feise.

Chaidh e às àicheadh gun robh e air dad ceàrr a dhèanamh, ach fhuair diùraidh ciontach e air casaid èigneachaidh.

Bha dà dhìteadh air roimhe airson droch-dhìol san dachaigh, agus bha e fo òrdugh smachdachaidh airson dìon a chur air tè a bha roimhe na cèile dha.

San Dàmhair an-uiridh dh'aidich e aig Cùirt an t-Siorraim ann an Inbhir Nis gun robh e air ionnsaigh a thoirt 's maoidheadh a dhèanamh air a chèile ùr.

Tròcair

Diciadain an t-seachdain seo choimhead e air ceangal bhidio on phrìosan fhad 's a chuireadh binn air 's e air fhaighinn ciontach air casaid èigneachaidh.

Dh'iarr an neach-lagha aige, Kelly Duling, air a' bhritheamh "tròcair" a shealltainn dha, ag ràdh gun robh e air an fhìrinn innse tron chùis.

Bha e a' cumail a-mach gun robh an nighean deònach, 's nach robh e a' tuigsinn carson a bha i air a ràdh gun deach a h-èigneachadh.

Chuala a' chùirt gun robh i air chrith 's a' gal an dèidh na thachair, agus dh'innis i do na Poilis mu dheidhinn, a fhuair air fianais gu leòr a thrusadh airson a thoirt gu lagh.

Bha an fhianais sin a' sealltainn gun robh Huggins air ionnsaigh a thoirt air an nighinn an dèidh pàrtaidh aig an taigh-aoigheachd.

A' toirt seachad binn, thuirt am britheamh, Alison Stirling, gum bi na h-ùghdarrasan a' cumail sùil air Huggins, às a' Bhlàr Dhubh, fad dà bhliadhna an dèidh dha a bhith air a shaoradh. Chaidh cuideachd a chur air clàr nan drabastairean airson a' chòrr de a bheatha.