A' chuibhle air a dhol mun cuairt an Earra-Ghàidheal?

Daniel Mac a' Phiocair
Fo-thiotal an deilbh,

Daniel Mac a' Phiocair a' togail Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu airson Camanachd an Òbain

  • Air fhoillseachadh

"Six past Shuggie".

'S ann an uairsin, a rèir aona bhleagairt air na meadhanan-sòisealta, a thàinig cuairt dheireannach a' Chupa Cheiltich Disathairne gu crìoch.

Air là doirbh do Chaol Bhòid is iad a' call 6-1 ri Camanachd an Òbain, tha fios gun robh e gu sònraichte trom air Iain Shuggie MacPhàrlain eadar na puist, fear a bhuineas e fhèin dhan Òban is a choisinn cliù ann an dathan Ceilteach a' bhaile mus do ghluais e gu sgioba Thaigh na Bruaich air an t-seusan seo.

B' fhearr le Shuggie bochd, 's dòcha, a bhith ann an àite sam bith eile san t-saoghal cha mhòr ach Pàirc Peterson mar a chaidh feasgar Disathairne air adhart.

Ach fhad 's a bha na tadhail a' frasadh seachad air a' Phàrlanach, 's ann a smaoinich mise air ais air dealbh bho chuairt dheireannach san dearbh fharpais ann an 2014.

Beingidh Inbhir Aora le laoich a bha air stòras de dhuaisean a bhuannachadh roimhe is drèin orra uile.

Inbhir Aora is Caol Bhòid ann an 2014Tùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Laoich Inbhir Aora ann an 2014 is linn òir a' tighinn gu ceann air am beulaibh

Bha Inbhir Aora air tighinn air adhart gu làidir às dèidh 2000 le sgioba ùr, òg, thàlantach.

Ghabh iad smachd teann air prìomh fharpais a' chinn a deas, a' putadh Caol Bhòid is Camanachd an Òbain às an rathad is iad ga buannachadh 9 tursan ann an 10 bliadhna.

Mar a chaidh an ùine air adhart ge-tà, 's ann a thòisich ginealach ùr a' tighinn troimhe ann an Taigh na Bruaich.

'S aithne dhuibh na h-ainmean: Roddy Dòmhnallach, Anndra King, Grant Irvine, is gu leòr eile.

Bha bliadhna no dhà a bha Inbhir Aora fhathast ro mhath dhaibh, bliadhna no dhà nuair a bha iad car mun aon ìre, is an uairsin thàinig 2014, nuair a bha Inbhir Aora air thoiseach dà thuras sa chuairt dheireannaich mus do ruith Caol Bhòid air falbh bhuapa 'son buannachadh 6-2.

Bha làithean buidhe Inbhir Aora seachad is làithean aparain ghil aig Caol Bhòid air ais.

Tha sin stèidhichte air traidisean ann an Taigh na Bruaich is fear Peadar MacCaluim a' tighinn a-mach à Oifis a' Phuist sa bhaile le aparan geal às dèidh dhaibh cupa a bhuannachadh.

Bhiodh Peadar còir air a bhith trang leis a' ghinealach seo.

Tòmas Whyte leis a' Chupa CheilteachTùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Tòmas Whyte leis a' Chupa Cheilteach ann an 2014

Thog Kyles an Cupa Ceilteach còig bliadhna ann an sreath. Chaidh cuideachd Cupa na Camanachd gu Taigh na Bruaich agus Cupa MhicAmhlaigh trì tursan.

Bha còir aca an làmhan fhaighinn air a' Phrìomh Lìog cuideachd, ged is e sgeulachd eile a tha sin.

Bha a' chuibhle fhathast a' tionndadh ge-tà is bha sgioba eile a' tighinn a-nuas an rathad.

Bha balaich òga aig Camanachd an Òbain a bha math is thàinig sreath de chuairtean deireannach faisg againn eadar iad fhèin is Caol Bhòid.

Ged a bhuannaich an t-Òban a' mhòr-chuid, bha fìor ghlè bheag eadar na sgiobaidhean.

Gu Disathairne.

Nuair a fhuair Caol Bhòid air ais gu 2-1 tràth san dàrna leth bha dòchas ann gum biodh farpais againn.

Cha do mhair sin ach beagan mhionaidean.

Dh'fhaodadh an t-Òban, leis an fhìrinn innse, a bhith air barrachd na sia a chur air a' cheann thall.

Roddy Dòmhnallach is Grant IrvineTùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Roddy Dòmhnallach is Grant Irvine is sealladh air an robh sinn glè eòlach anns na bliadhnaichean mu dheireadh

'S e 2014 a bha seo a-rithist agus am batan air a thoirt seachad aig deas.

Ged a bha cluicheadairean òga math a' nochdadh aig Inbhir Aora aig an àm sin, cha robh gu leòr dhiubh ann airson an cumail aig àrd-ìre.

Thuit an sgioba às a' Phrìomh Lìog is tha còrr is deich bliadhna a-nise bho bhuannaich iad cupa.

A' bruidhinn air BBC Radio nan Gàidheal Disathairne, thuirt Aonghas MacAonghais nach bu chòir a bhith ro dhubhach mu shuidheachadh Chaol Bhòid.

Thog Aonghas air mar a tha fiù 's Ceann a' Ghiùthsaich is Baile ùr an t-Slèibh fhèin uaireannan air a dhol tro amannan deuchainneach.

'S e an fhìrinn a tha sin.

Is tha òigridh math aig Kyles. Thòisich Roan Mac a' Phiocair Disathairne is e gun ach ach 17.

Thàinig Ethan òg Kerr far na beingidh aig dìreach 14 - a thuilleadh air feadhainn eile a tha anns na 20an is a tha e fhathast a' dèanamh adhartais.

Ach bha doimhneachd aig Ceann a' Ghiùthsaich is Baile Ùr an t-Slèibh anns na bliadhnaichean mu dheireadh gus an cumail aig ìre fhad 's a bha iad ri ath-thogail, agus doimhneachd de thàlant òg a' tighinn troimhe.

Tha ceist ann a bheil sin uile gu lèir fìor san aon dòigh a thaobh Caol Bhòid, sgioba a tha mar-thà cuideachd le grunn chluicheadairean a tha air tighinn thuca à clubaichean eile.

An Cupa Ceilteach

An geama slàn eadar Caol Bhòid is Camanachd an Òbain

Tha an eachdraidh iongantach aca fhèin ag innse dhuinn gur e mearachd mhòr a th' ann aig àm sam bith a bhith ag ràdh gu bheil Caol Bhòid deiseil.

Tha strì air am beulaibh san ùine ghoirid gus àite a chumail sa Phrìomh Lìog is dh'aidich an sgiobair aca Innes Dòmhnallach air Radio nan Gàidheal Disathairne gur e sin a-nise am prìomhachas.

Gheibh iad spionnadh, 's dòcha, à soirbheachas Caol-Ghleann dìreach suas an rathad, is iadsan le deagh chothrom an-dràsta a' Phrìomh Lìog a ruighinn 'son a' chiad turas.

Bhiodh e do-chreidsinneach do Chaol Bhòid a bhith san Lìog Nàiseanta is na nàbaidhean aca ìre os an cionn.

Tha dùbhlan nas motha ann san ùine fhada feuch an sgioba ùrachadh is a neartachadh is a chur air ais am measg nam fuamhairean mòra - an t-àite nàdarrach aca, chanadh iad fhèin.

Tha teans nach ann an-diugh no a-màireach a thachras e ge-tà, is gur dòcha gum bi treis ann mus fhaic sinn aparan geal Thaigh na Bruaich a-rithist.