Dearbhadh gun tèid 12 taigh sòisealta a thogail san t-Òb

- Air fhoillseachadh
Thuirt Buidheann Taigheadais Innse Gall (HHP) gun tèid aca air 12 dachaigh a bhios ri fhaotainn air mhàl reusanta a thogail san t-Òb an ceann a deas na Hearadh.
Bha dragh ann mun sgeama nuair a thàinig e am bàrr gun robh a' phrìs tairgse airson dusan taigh ro àrd.
B' e briseadh dùil a bh' ann dhan choimhearsnachd a bh' air strì a dhèanamh airson 12 taigh air an làraich seach sia mar a bhathar a' moladh an toiseach.
Thug iad rabhadh seachad aig an àm nach biodh a' choimhearsnachd buan mura biodh dachaighean ùra ann do dhaoine òga agus luchd-obrach.
Sa Ghearran, chuir Comhairle Coimhearsnachd Cheann a Deas na Hearadh litir fhosgailte gu Ministear an Taigheadais, Pòl MacIllinnein, ag iarraidh a thaic.

Thugadh rabhadh nach bi a' choimhearsnachd buan mura tèid taighean air prìs reusanta a thogail
Thàinig dearbhadh Diluain bho HHP gun deach aca air aonta a ruighinn airson am pròiseact san t-Òb a thoirt gu buil.
Am measg na chaidh atharrachadh 's e gum bi na taighean uile air an leigeil a-mach air mhàl seach dhà dhiubh a bhiodh rin ceannach, a' fàgail gum faighear grant nas motha bho Riaghaltas na h-Alba.
Bidh dà thaigh a bha gu bhith air an togail ann an Steòrnabhagh fo ro-innleachd taigheadais Comhairle nan Eilean Siar a-nis mar phàirt de leasachadh an t-Òib.
Dh'aontaich a' chompanaidh-togail, Alex Murray Construction, a' phrìs aca a lùghdachadh.
Tha comhairlichean na sgìre air cuid den mhaoineachadh uàird aca a thoirt seachad.
Bheir Comhairle nan Eilean Siar barrantas seachad airson am màl a chumail aig ìre reusanta, ged a tha HHP ag ràdh gu bheil iad an dòchas nach bi aca air an dìon seo a chleachdadh.

Thuirt Cathraiche HHP, Gòrdan MacLeòid: "Bu mhath leam taing a thoirt do Riaghaltas na h-Alba airson na thug iad dhuinn de mhaoineachadh, do Chomhairle nan Eilean Siar airson ar cuideachadh leis a' bheàrn ionmhais agus don luchd-togail, Alex Murray Construction, airson a bhith ag obair còmhla rinn airson fuasgladh fhaighinn."
Thuirt an dithis chomhairlichean airson na Hearadh, Pòl Finneagan agus Grant Fulton: "Tha e air leth cudromach airson sgìrean air an oir gu bheil dachaighean aig prìs reusanta rim faotainn airson taic a chumail ris a' choimhearsnachd agus na cothroman leasachaidh a dh'fhaodadh a bhith ann."
Tha dùil gun tòisich an obair togail as t-samhradh agus gum bi i deiseil an ceann bliadhna gu leth.