Stòbhaichean: "Cha robh tuigse aca air mar a bhiodh e air an talamh"
- Air fhoillseachadh
Tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba am measg na chuir fàilte air an naidheachd gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air lagh ùr connspaideach Riaghaltas na h-Alba a tha a' toirmeasg a' mhòr-chuid de stòbhaichean fiodha agus boidhlearan gas is ola ann an taighean ùra.
Bha mì-thoileachas mòr ann nuair a chaidh na riaghailtean ùra a chur an sàs, taobh a-muigh sa Ghiblean mar dhòigh air truailleadh adhair a lùghdachadh is air dèiligeadh ri atharrachadh na gnàth-shìde.
Ach nochd dragh gu sònraichte ann an sgìrean dùthchail is eileanach is daoine ag ràdh gu bheil stòbhaichean deatamach dhaibh gus an taighean a theasachadh.
Am measg na chaidh air an casan bha Comhairle nan Eilean Siar, a thuirt gun robh "poileasaidh nach eil freagarrach ga sparradh air eileanan".
Tha Riaghaltas na h-Alba a-nise air innse gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air an lagh.
Dh'innis am Ministear airson Gnìomh na Gnàth-Shìde, Gillian Mhàrtainn, gun tèid na riaghailtean atharrachadh gus am bi iad a' freagairt air feumalachdan eadar-dhealaichte sgìrean dùtchail is bailtean mòra.
Thuirt Tòraidhean na h-Alba gur e "car iomlan" a rinn an Riaghaltas is gun robh còir aca cur às den reachdas gu tur.
Bha Caidreachas Croitearachd na h-Alba am measg na bha air iomagain a nochdadh mun chùis sa chiad dol a-mach.
A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt Pàdruig Moireasdan bhon bhuidhinn gur e ceum air adhart a tha seo.
"An rud a bha Caidreachas na Croitearachd ag ràdh nuair a thàinig seo a-mach an toiseach, gun robh coltas ann gun robh gu h-àraidh na h-Uainich ach gun robh an Riaghaltas a bha a' putadh seo, gun robh iad a' tighinn bho shealladh nam bailtean agus cha robh tuigse aca air mar a bhiodh e air an talamh anns na sgìrean dùthchail.
"Gu h-àraidh ma tha stoirmean ann is an dealan a' dol a-mach, neo daoine le croitean agus mòine no fiodha aca fhèin, gu bheil e a' toirt droch bhuaidh orrasan agus oirnne a th' air an dùthaich," thuirt e.
Dh'innis Mgr Moireasdan gu bheil draghan air a bhith ann nach eil an Riaghaltas ag èisteachd ri coimhearsnachdan dùthchail is gu bheil e an dòchas gu bheil sin ag atharrachadh.
Thuirt Gillian Mhàrtainn gun tèid an ath-sgrùdadh a dhèanamh san aithghearrachd.